Seann drochaid-choise Phort Steòrnabhaigh a' falbh deireadh na mìos

Loch Seaforth aig port ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air innse gum bi obair a' tòiseachadh ro dheireadh na mìos gus an seann shiostam inntrigidh luchd-coise (PAS) aig a' phort a thoirt air falbh.

Mairidh an obair eadar 4 is 6 seachdainnean.

Chaidh companaidh a chur air dòigh airson na h-obrach an dèidh pròiseas tagraidh foirmeil.

Thuirt Port Steòrnabhaigh gum bi sàbhailteachd luchd-cleachdaidh na prìomhachas dhaibh fhad 's a bhios an obair a' leantainn.

Cumaidh na seirbheisean aiseig a' dol mar as àbhaist.

A rèir an ùghdarrais, tha an obair gus PAS ùr a lìbhrigeadh a' dèanamh adhartais agus mhìnich iad gu bheil pròiseas ceannaich a' dol an-dràsta fhèin airson uidheamachd meacanaigeach an t-siostaim ùir.

Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh càil a bharrachd a ràdh mu rud sam bith eile co-cheangailte ris a' phròiseas aig an àm seo, no a thaobh dè cho fada 's a bheir e.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil an siostam ùr gu bhith air a dhealbh gus am bi e nas seasmhaiche, gu h-àraidh tro obair-chàraidh sam bith.

Tha trioblaidean air a bhith ann leis an t-siostam inntrigidh fad suas ri trì bliadhna.

Feumaidh luchd-coise feitheamh gus am bi na carbadan uile air tighinn far an t-soithich mus fhaigh iad fhèin air coiseachd dhith tro dheic nan càraichean.

Tha mòran air a bhith gu math mì-thoilichte mun t-suidheachadh agus e ag adhbhrachadh maill do luchd-coise a tha a' siubhal a Steòrnabhagh.

Chan eil e soilleir cuin a thèid an siostam ùr a chur an sàs.