Leasachaidhean coileanta aig Home Farm

- Air fhoillseachadh
Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh air na leasachaidhean a chaidh a chur mun coinneimh an dèidh sgrùdaidh a choileanadh.
Thug Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim ceann-là dhan dachaigh piseach a thoirt air grunn phàirtean den t-seirbheis aca an dèidh dhaibh tadhal gun rabhadh anns a' Chèitean.
Bha aca ri leasachaidhean a chur an sàs ron 8mh là den Iuchar, ach chaidh sin a leudachadh chun a' 25mh là den Lùnastal.
"Thug Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim leudachadh do dh'NHS na Gàidhealtachd anns an Iuchar air an òrdugh leasachaidh a chuir iad air Dachaigh-Cùraim Home Farm," thuirt Àrd-Oifigear Compàirteachas Slàinte is Cùraim Shòisealta na Gàidhealtachd, Arlene Johnstone.
"Bhon uair sin, tha NHS na Gàidhealtachd air ceumannan mòra a ghabhail airson ceannas, stiùireadh, faire air luchd-obrach, taic chlinigeach gus dearbhadh càileachd a neartachadh san dachaigh."
"Oidhirp nach beag"
Thuirt Ms Johnstone gun do chuidich mar a chaidh Manaidsear Eadar-amail Clàraichte a chur an dreuchd leis an obair seo.
"An dèidh sgrùdaidh gun rabhadh eadar an 26mh agus an 29mh là den Lùnastal, dhearbh Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim a-niste gu bheil iad sàsaichte gun deach na leasachaidhean uile a bha a dhìth a choileanadh, agus tha iad air an t-Òrdugh Leasachaidh a thogail," thuirt i.
Tha dùil gum foillsich Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim aithisg iomlan an ceann ùine.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun sgaoil iad na tha san aithisg am measg luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus feadhainn eile le ùidh.
"Bu mhath leam taing a thoirt do luchd-còmhnaidh, teaghlaichean, luchd-obrach agus compàirtichean airson an cuid foighidinn, taice agus dealais thairis air an ùine seo," thuirt Ms Johnstone.
"Bu mhath leam cuideachd aithneachadh a dhèanamh air an oidhirp nach beag a rinn a h-uile duine a bha an sàs gus na leasachaidhean seo a thoirt gu buil, agus airson taic a thoirt do dh'atharrachadh dheimhinnteach san dachaigh."