Lùghdachadh sheirbheisean rè ùine aig Port-adhair Inbhir Nis

Port-adhair Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil nach fhalbh cuid de sheirbheisean adhair aig Port-adhair Inbhir Nis air deireadh-seachdain na Bealtainne.

Thuirt am port-adhair gu bheil suidheachaidhean ris nach robh dùil agus riaghailtean a thaobh uairean-obrach a' fàgail gum feum iad gearradh a thoirt air an t-seirbheis iùil aca air an deireadh-sheachdain seo tighinn.

Chan fhaod luchd-iùil ach na h-uimhir de dh'uairean obrachadh gu laghail gun fois a bhith aca air adhbharan sàbhailteachd.

Bheir seo buaidh air seirbheisean bho Dhihaoine gu Didòmhnaich, agus thathas a' comhairleachadh do luchd-siubhail fiosrachadh fhaighinn gu dìreach bhon chompanaidh adhair aca.

Thabhainn am port-adhair leisgeul air luchd-siubhail airson na buaidhe a bheir seo orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo