Còmhraidhean luchd-iùil ri HIAL air briseadh sìos
- Air fhoillseachadh

Thàinig còmhraidhean eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) agus na h-aonaidhean mu eas-aonta pàighidh gu crìch gun adhartas.
Thuirt an t-aonadh Prospect, a tha a' riochdachadh luchd-iùil a tha a' maoidheadh a dhol air stailc tron t-Samhradh, nach robh HIAL air moladh ùr sam bith a chur air adhart.
Tha an dà thaobh, leis an eadar-mheadhanaiche ACAS, air coinneachadh trì tursan.
Tha luchd-iùil a tha ag obair aig HIAL mì-thoilichte leis a' phàigheadh a tha iadsan a' faiginn an coimeas ri luchd-iùil ann am pàirtean eile de Bhreatainn.
Dh'fhàgadh na stailcean a tha iad a' maoidheadh nach b' urrainn do na puirt-adhair air feadh a' chinn a tuath plèanaichean a làimhseachadh.
Coinnichidh Prospect a-niste ris an luchd-iùil airson tuilleadh iomairtean a chur air dòigh.
Dh'iarr an t-aonadh air ministearan an Riaghaltais Albannaich a dhol an sàs gus a' chùis a rèiteachadh.