Naidheachdan 11:00m

Ionnsaighean air Iùdhaich

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmoud, gur ann mar chùis-èiginn a tha i a' dèiligeadh ri àrdachadh san àireimh ionnsaighean air Iùdhaich. Dh'innis Poileas a' Mhet gur e fireannach Breatannach a rugadh ann an Somàilia a tha an grèim aca an dèidh ionnsaigh sgeine air dithis Iùdhach ann an Golders Green ann an ceann a tuath Lunnainn an-dè. Tha an Riaghaltas a' cur £25m eile ri patròlan poilis agus tèarainteachd ann an coimhearsnachdan Iùdhach.

Whitbread

Dh'innis Whitbread, a' chompanaidh dham buin taighean-òsta Premier Inn, gu bheil iad an dùil 3,800 cosnadh a ghearradh san Rìoghachd Aonaichte agus ann an Èirinn. Thuirt a' chompanaidh gum feum iad £2.5m a chùmhnadh leis an droch bhuaidh a tha cìsean malairt agus àrdachadh ann an àrachas nàiseanta a' toirt orra.

Gàsa

Chuir Israel stad air 175 duine de luchd-iomairt ann am 20 bàta a bha a' feuchainn ri seòladh gu ruige Ghàsa. Tha luchd-iomairt ag ràdh gun robh iad an dùil biadh agus cobhar eile a chur tron bhacadh Israelach air cladach Ghàsa. Thuirt Ministreachd Chèin Israel nach eil an sin ach "cleas PR".

Iran

Dh'èirich prìs na h-ola an dèidh aithrisean nach eil dearbhte gu bheil na Stàitean Aonaichte ag ullachadh ionnsaighean ùra air Iran. Tha aithrisean ann gu bheil an t-arm Aimeireaganach a' beachdachadh air "ionnsaighean aithghearr, cumhachdan" airson gluasad a phiobrachadh anns na còmhraidhean ri Iran. Tha prìs ola Brent Crude air tuiteam air ais beagan an dèidh leum gu $126 aig aon àm.

Eucoir

Fhuair rannsachadh BBC gu bheil gràisgean eucoir air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' maoidheadh bàis agus ionnsaighean feiseil air oifigich inbhe malairt. Thuirt Institut Cùmhnantaichte nan Inbhean Malairt gu bheil bagairt bho eucoirich a tha a' ruith ghnothachasan beaga mar bhùthainnean vape air èirigh gu mòr thairis air deich bliadhna.

Stòras Uibhist

Bidh coinneamh èiginn aig Stòras Uibhist a-nochd far an tèid feuchainn ri fuasgladh fhaighinn do thrioblaidean an uachdarain choimhearsnachd. Tha dùil gun tèid bhòtadh airson bòrd eadar-amail a chur an àite nan stiùirichean a th' ann an-dràsta.

Prìosanaich

'S e an-diugh an là mu dheireadh den sgeama airson faochaidh dhan trioblaid le cus phrìosanach an Alba le bhith a' toirt saoirse thràth do chuid. Chaidh còrr is 500 prìosanach le binn nas giorra na ceithir bliadhna a shaoradh bho thòisich an sgeama san t-Samhain an-uiridh. Chan eil saorsa ann do dh'eucoirich a rinn ionnsaighean feiseil no dochann anns an dachaigh.