
Chuir an t-aonadh Prospect fàilte air an naidheachd gu bheil plana ùr aig Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean airson seirbhisean iùil.
Leig HIAL às am plana a bha aca airson seirbheisean a chur còmhla ann an Inbhir Nis le mòran a' togail dragh a thàinig gu ceann le stailc am measg an luchd-obrach.
Bha an t-aonadh ag ràdh gun rachadh 50 obair a chall fon t-seann phlana.
Bha HIAL a' moladh ionad ann an raon-gnìomhachais ann an Inbhir Nis a stèidheachadh a gheibheadh fiosrachadh bho na tùran aig na puirt-adhair anns nach biodh daoine ag obair.
Ro-innleachd ùr
Tha am plana ùr a' cur siostam RADAR aig Port-adhair Inbhir Nis agus luchd-iùil fhathast ann an Steòrnabhagh, Sumburgh agus Circeabhal; tha iad ag obair fhathast air molaidhean airson Beinn nam Fadhla agus Inbhir Ùige.
Feumaidh a' chompanaidh a tha fo shealbh Riaghaltas na h-Alba plana ùr airson seirbheisean a leasachadh agus ris am feum Còmhdhail na h-Alba an taic a chur.
Thuirt cathraiche HIAL, Lorna Jack, gun do dh'èist iad ris an luchd-obrach agus ri coimhearsnachdan eileanach mus do rinn iad an co-dhùnadh.
"Tha am bòrd ag aithneachadh gu bheil an tuilleadh obair mhionaideach a dhìth còmhla ri co-obraichean mus gabh plana ùr a chur mu choinneimh Còmhdhail na h-Alba," thuirt i.
"Guth nan coimhearsnachdan"
San Dàmhair an-uiridh, sguir buill Prospect den iomairt obrach a thòisich san Fhaoilleach 2020 airson còmhraidhean ùra a thòiseachadh le HIAL.
B' e argmaid an aonaidh gun dèanadh e cron mòr air coimhearsnachdan ann an Leòdhas, Sealtainn agus Arcaibh nan rachadh na h-obraichean a ghluasad.
Thuirt Prospect gum biodh am plana ùr a' leasachadh sheirbheisean iùil nam plèanaichean ach a' dìon obraichean aig a' cheart àm.
Thuirt an t-Àrd-Rùnaire, Mike Clancy: "'S e co-dhùnadh air leth cudromach a tha seo chan e a-mhàin do bhuill Prospect ach cuideachd do na coimhearsnachdan sa bheil iad ag obair.
"Bu mhath leam meal an naidheachd a chur orra agus air a h-uile duine a bha an sàs san iomairt a tha a' dearbhadh na gabhas dèanamh nuair a thig cumhachd nan aonaidhean agus guth nan coimhearsnachdan còmhla."