Stailc eile am measg luchd-iùil

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir NisTùs an deilbh, John Allan / Geograph

Tha dùil ri stailc eile air an deireadh-sheachdain am measg luchd-iùil aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha seo mar phàirt den eas-aonta mu phàigheadh eadar an t-aonadh Prospect agus HIAL.

'S ann le Riaghaltais na h-Alba a tha HIAL, agus tha Prospect ag argamaid gu bheil luchd-iùil sa roinn phoblaich a' faighinn barrachad airgid na tha na buill acasan.

Tha HIAL ag ràdh nach gabh coimeas a dhèanamh leis an roinn phrìobhaidich leis an eadar-dhealachadh th' ann leis na tha de phlèanaichean san adhair, is gum feum iad cumail ri poileasaidh an Riaghaltais air pàigheadh.

Tairgse

Bha stailc fad là ann air feadh lìonra HIAL sa Chèitean.

Ged a thàinig tairgse pàighidh ùir às dèidh sin, chaidh a dhiùltadh le buill Prospect.

Dh'innis Prospect gun tèid na buill aca air stailc fad an là Didòmhnaich aig Port-adhair Inbhir Nis.

Bidh stailc 24 uairean ann Diluain aig Puirt-adhair Inbhir Ùige, Sumburgh, is Baile na h-Eaglaise.

Bidh luchd-iùil an uairsin air stailc 24 uairean ann an Steòrnabhagh, Beinn nam Fadhla is Dùn Dè Dimàirt.