MacAnndrais air a dhòigh le spiorad Cheann a' Ghiùthsaich is an lìog aca a-rithist

- Air fhoillseachadh
Rinn sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich moladh mòr air spiorad na sgioba is e ag ràdh gun robh sin bunaiteach a thaobh mar a bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog a-rithist.
Às dèidh dhaibh a bhith air tòir Bhaile Ùr an t-Slèibh cha mhòr fad an t-seusain, leum Ceann a' Ghiùthsaich air thoiseach air na nàbaidhean aca gu mullach na lìge air an là mu dheireadh.
Bha feum aca air an dà phuing bho Cheann Loch Seile gus sin a dhèanamh agus 's e sin a fhuair iad - na tadhail aca a' tighinn bho Iain Friseal is Lee Bain sa chiad leth air Calum McLay san dàrna leth.
3-0 air a' cheann thall is Kings a' crìochnachadh an t-seusain co-ionnan ris a' Bhaile Ùr air 33 puingean ach 12 tadhal air thoiseach.
Bha coltas ann nas tràithe air an t-seusan gur iad am Baile Ùr a gheibheadh an làmhan air an tiotal is iadsan air a' chùis a dhèanamh 1-0 air Kings sa chiad gheama eadar na sgiobaidhean, mus do leig Ceann a' Ghiùthsach seachad puing eile an aghaidh Chabar Fèidh.
Ach dh'fhosgail an doras às ùr do Cheann a' Ghiùthsaich nuair a chaidh am Baile Ùr a chumail 0-0 an aghaidh Caol-Gleann - rud ris nach robh duine an dùil - is fios aig Ceann a' Ghiùthsaich às dèidh sin gun rachadh iad dhan mhullach nam buanaicheadh iad gach geama a bha air fhàgail aca, an dàrna geama an aghaidh a' Bhaile Ùir nam measg.
'S e sin a rinn iad.
"Tha e air a bhith doirbh is tha sinn tric air a bhith às aonais chluicheadairean a bha air an goirteachadh," thuirt Ruairidh MacAnndrais.
"Thàinig oirnn daoine a ghluasad mun cuairt taobh a-staigh na sgioba is feadhainn eile a thoirt a-steach is ghabh iad uile ri sin.
"Bha fios againn 'son ùine gum feumadh sinn a h-uile geama a bhuannachadh. Bha dragh oirnn gur dòcha gun robh e seachad ach rinn na balaich sìos ann an Ghleann Da-Ruail fàbhar dhuinn, is bha iadsan cuideachd air geamaichean doirbh a thoirt dhuinn".
Tha e a' ciallachadh gu bheil Ceann a' Ghiùthsaich air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh sia tursan ann an sreath is gu bheil iad a' crìochnachadh an t-seusain leis an tiotal, Cupa na Camanachd is Cupa MhicThàmhais.
A dh'aindeoin nan trioblaidean a bh' aca le feadhainn a dhìth tron t-seusan cha do chaill iad ach dà gheama: an aghaidh a' Bhaile Ùir san lìog sa Mhàrt is an uairsin cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh an aghaidh Camanachd an Òbain san Lùnastal, is sin ann an ùine a bharrachd.
Briseadh-dùil ann an Comhghall
Aig ceann eile na lìge bha briseadh-dùil ann do Chaol-Gleann is iadsan air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog Nàiseanta gu h-oifigeil.
Bha fios aig sgioba Chomhghaill gum feumadh iad a' chùis a dhèanamh air na Sgitheanaich le naoi tadhail Disathairne 'son leum os cionn Loch Abair, rud nach robh riamh coltach, is air a' cheann thall 's iad na h-eileanaich a shoirbhich 2-0.
Thàinig an dà thadhal bho Dan Dòmhnallach, an Sgitheanach a bha roimhe air iomadh tadhal a chur ann an dathan Chaol-Gleann fhèin.
Bidh Caol-Gleann a' coimhead air ais le aithreachas air tadhail anmoch a leig iad a-staigh an aghaidh Chabar Fèidh is Loch Abair, is cuideachd air a' gheama a chaill iad an aghaidh Chaoil Bhòid - an aona gheama a bhuannaich sgioba Thaigh na Bruaich san lìog.
Ach ged a tha iad a' dol sìos, gabhaidh Caol-Gleann na h-uimhir de mhisneachd às an t-seusan is an dòigh a chum iad ceann a' mhaide ris na sgiobaidhean as fheàrr san iomain.
A thuilleadh air a' phuing a thug iad bhon Bhaile Ùr a rinn cron cho mòr air sgioba an Eilein, bha geamaichean gu math mì-chofhurtail aig Ceann a' Ghiùthsaich nan aghaidh cuideachd, mar a thuirt Ruairidh MacAnndrais.
Thàinig e am barr cuideachd air an deireadh-sheachdain nach tèid na geamaichean a bha air fhàgail aig na Sgitheanaich, An Gearasdan is Caol Bhòid a chluich idir agus na puingean gu bhith air an roinn. Tha seo a' fàgail gu bheil an seusan a-nise deiseil.
Tha na trì puingean cuideachd air na Sgitheanaich a thogail os cionn Chabar Fèidh.
Dh'fhaodadh fhathast gum bi sin cudromach is connspaideach.
Ma 's e is gun tèid structar ùr lìge a thoirt a-steach cho tràth ri 2027 - mar a tha cuid ag iarraidh - dh'fhaodadh gum bi buaidh aig geamaichean nach deach a chluich air dè an lìog anns am bi sgiobaidhean a' cluich.