Molaidhean radaigeach gus cruth-atharrachadh a thoirt air structar iomain nam fear

Cluicheadair iomain gus am ball a bhualadh air ais a-steach dhan phàirc. Tha lèine dhearg is gorm air, siorts is stocainnean geal. Tha grèim aige air a' chaman is am ball os cionn a chinn. Tha oifigear ann an seacaid dhubh a' cumail sùil air.
  • Air fhoillseachadh

Chaidh molaidhean raidigeach fhoillseachadh a dh'fhaodadh cur às dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta ann an iomain nam fear.

Chaidh trì roghainnean 'son structaran ùra lìge a chur air beulaibh chlubaichean aig coinneimh shònraichte aig Comann na Camanachd oidhche Dhiardaoin.

Tha deasbad air a bhith a' dol mu structar nam farpaisean 'son ùine is ceist ann gu sònraichte mun Lìog Nàiseanta, an dàrna lìog aig ìre nàiseanta a th' ann fon Phrìomh Lìog Nàiseanta.

Sgaoil A' Mhanachainn litir phoblach san t-Sultain is iad ag ràdh gur e cus a th' ann a bhith a' sùileachadh gum bi cluicheadairean amaitearach a' siubhal air feadh na dùthcha gu cunbhalach, is thog iad ceist mu na cosgaisean mòra a tha an lùib seo do chlubaichean.

Thog iad dragh gun coisich cluicheadairean air falbh is gun sguir daoine eile a bhith a' cumail taic ris an spòrs.

Dhearbh Comann na Camanachd às dèidh sin gun robh iad mar-tha air Caoimhin Thain is Anndra Watt fhastadh airson coimhead air structar nan lìogaichean is diofar roghainnean 'son fuasgladh a thoirt air adhart.

Air a' cheann thall tha na diofar mholaidhean a chaidh air beulaibh chlubaichean Diardaoin a' dol nas fhaide na bha mòran an dùil - is roghainnean nam measg a chuireadh às dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta mar a tha e, a thuilleadh air an Lìog Nàiseanta.

Tha na molaidhean mar a leanas:

Roghainn 1

  • Prìomh Lìog mu Thuath (10 sgiobaidhean) is Prìomh Lìog mu Dheas (8 sgiobaidhean)

  • Geama 'son an tiotail aig deireadh an t-seusain eadar na sgiobaidhean a bhuannaicheas na lìogaichean aig tuath is deas

Roghainn 2

  • Prìomh Lìog mu Thuath (8 sgiobaidhean) is Prìomh Lìog mu Dheas (8 sgiobaidhean)

  • Bhiodh na ceithir sgiobaidhean aig mullach gach lìog a' farpais an aghaidh a chèile airson an tiotal nàiseanta aig deireadh an t-seusain

  • Bhiodh na ceithir sgiobaidhean aig bonn gach lìog a' farpais le sgiobaidhean bho Lìog Tuath 1 is Lìog Deas 1 ann an Cupa a' Bhaile Mhòir

Roghainn 3

  • Prìomh Lìog Nàiseanta (8 sgiobaidhean)

  • Bhiodh geama aig deireadh an t-seusain eadar na sgiobaidhean aig mullach Lìog Tuath 1 is Lìog Deas 1 gus co-dhùnadh cò rachadh suas dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta

A thuilleadh air sin tha trì molaidhean ann a thaobh mar a dh'obraicheadh clàr an t-seusain:

Roghainn 1

  • Seusan a' ruith bhon Ghiblean chun na Dàmhair, fois san Iuchar, is geamaichean meadhan na seachdain na chois

Roghainn 2

  • Seusan a' ruith bhon Ghiblean chun na Dàmhair, geamaichean Disathairne a-mhàin

Roghainn 3

  • Seusan a' ruith bhon Mhàrt chun na Sultaine is cothrom aig clubaichean, mar a tha an-dràsta, innse cuid de làithean nach urrainn dhaibh cluich

Pàirc iomain Ghleann Garadh. 'S e là soilleir, brèagha a th' ann is caoraich air an talamh air cùl an tadhail. Tha craobhan is cnuic air an cùlaibh

Chuala a' choinneamh gun deach na molaidhean a dhealbh le beachdan a thàinig bho chlubaichean is gu bheil còmhraidhean air a bhith aig ìre thràth le companaidhean a tha a' cumail taic-airgid ris an spòrs.

Tha Comataidh Farpais Chomann na Camanachd air leigeil fhaicinn gum b' fheàrr leothasan Roghainn 2 a thaobh structar nam farpaisean is Roghainn 1 a thaobh clàr an t-seusain, ach a' tòiseachadh sa Mhàrt.

Chaidh innse gun tèid suirbhidh a-nise a-mach chun na clubaichean.

Air a' cheann thall nì Bòrd Chomann na Camanachd co-dhùnadh air an t-slighe air adhart stèidhichte air na thàinig às an t-suirbhidh.

Bidh bhòt ann an uairsin am measg chlubaichean a bheil iad 'son a dhol air adhart le gin de na molaidhean.

Thathar an dùil gum biodh bhòt ann tràth an ath-bhliadhna is gum biodh seusan 2027 air a chleachdadh 'son co-dhùnadh dè na liogaichean anns an cluicheadh clubaichean ann an structar ùr sam bith a thòisicheadh ann an 2028.

Deasbad

Bha Aonghas MacAonghais, ceann-suidhe Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal is iar-cheann-suidhe Comann Ceilteach Ghlaschu, am measg na bha aig a' choinneimh Diardaoin.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Aonghas gu bheil na diofar roghainnean "inntinneach".

Thuirt e gu bheil e a' faicinn carson a tha an deasbad ann.

"Tha gnothaichean ag atharrachadh is tha na feumalachdan aig cluicheadairean ag atharrachadh san là an-diugh, a thaobh theaghlaichean is làithean-saora.

"Tha beagan sùbailteachd ann cuideachd le structar an t-seusain a thaobh meadhan an t-samhraidh - tha iad a' coimhead air 's dòcha dà sheachdain de shàmhchair nuair nach eil geamaichean air an cluich.

"Tha iad a' coimhead air iomadach rud 'son an geama a chumail a' dol is a dhèanamh tarraingeach."

Cruth-atharrachadh

Dh'fhaodadh na roghainnean seo atharrachadh cho mòr 's a bh' ann ann an còrr is 30 bliadhna a thoirt air iomain nam fear.

Bha lìogaichean iomain gu traidiseanta air an sgaradh eadar tuath is deas mus deach Prìomh Lìog Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1995.

Tha dà oidhirp air a bhith ann bhon uairsin dàrna lìog nàiseanta a chur air dòigh fon Phrìomh Lìog.

Bha a' Chiad Lìog Nàiseanta ann eadar 1999 is 2005 is an uairsin an Lìog Nàiseanta mar a tha e a-nise bho 2014.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte