Iomairt gus seann bhàta-iasgaich à Leòdhas ath-thogail airson ginealach ùr de mharaichean

- Air fhoillseachadh
Tha carthannas ann an Ulapul ag amas air seann bhàta-iasgair à Leòdhas ath-thogail agus a chleachdadh mar ghoireas trèanaidh do sheòladairean òga.
B' e Mùirneag ainm a' bhàta-siùil sgadain Clas Zulu a thogadh do Shandy MacLeòid agus fo a stiùir eadar 1903 agus 1939 choisinn i cliù mar thè de na soithichean as fheàrr sa chabhlach.
Bhiodh an soitheach san robh 80 troigh a' dol air feadh na dùthcha agus cho fada deas ri Yarmouth.
Chaidh planaichean a dhèanamh den structar aice fhad 's a bhathar ga briseadh an dèidh an Dàrna Cogaidh a' fàgail nach deach an SV Mùirneag a chall buileach.
A-nis, tha a bhuidheann Muirneag na Mara, taobh a-muigh a' sireadh £1.8m airson airson am pròiseact aca a thoirt gu buil.
- Tùs an deilbh, MÙIRNEAG NA MARA

Fo-thiotal an deilbh, Bha a' Mhùirneag air tè de na bàtaichean-siùil ann an cabhlach an sgadain air costa siar na h-Alba
1 de 4
Tha dòchas ann gun cùm am pròiseact togail-bhàtaichean san sgìre a' dol le cothrom preantasachd.
Tha an saor-luinge, Tim Loftus, ag ràdh gu bheil na sgilean gan call mean air mhean agus tha UNESCO a' meas gu bheil iad ann an cunnart a dhol à bith.
Thuirt e: "Tha sinn airson nas urrainn dhuinn de dhaoine a thrèanadh.
"Mar sin, bidh còignear de shaoir-luinge làn-ùine ann agus bidh co-dhiù triùir phreantasan còmhla riutha cho math ri fo-shaor-luinge."
"Abair fhèin gum biodh e math"
Bha cothrom aig a' phoball taisbeanadh fhaicinn aig Fèis Lugger ann an Ulapul air an deireadh-sheachdain a' mìneachadh a' phròiseict.
Am measg na bha ann bha seann mhaighstir-cala Steòrnabhaigh, Alasdair Mac a' Ghobhainn.
Thuirt e: "Chan eil gin aca air fhàgail den fheadhainn mhòra ged a bha na ceudan ann aig aon àm
"Bhiodh e math dhan àite, bhiodh e math airson Ulapul gu lèir agus airson taobh siar Alba a bhith a' dol a-mach le òigridh.
"Tha thu ag ionnsachadh tòrr bho bhith ag obair air soithichean mar sin. Feumaidh tu còignear neo sianar agus tha rudeigin airson a h-uile duine a dhèanamh agus feumaidh a h-uile duine a bhith ag obair còmhla."

Tha Maighstir-cala Ulapuil airson cothrom a thoirt do dhaoine òga sgilean seòlaidh agus togail ionnsachadh an cois a' phròiseict
Tha Mùirneag na Mara ag aithneachadh gum feum an soitheach nuair a bhios i deiseil teachd a-steach a bhith aice, agus tha iad a' bruidhinn air luchd-turais a thoirt a-mach gu Hiort agus àite-fuirich do luchd-turais sa Gheamhradh nuair a bhios i ceangailte, am measg eile.
Aon uair agus gu bheil a' Mhùirneag air ath-chruthachadh 's i an aon soitheach Zulu Clas a h-Aon ann an deagh riochd mara a bhios air fhàgail san t-saoghal.
Tha Maighstir-Cala Ulapuil, Kevin Peach, ag ràdh gur i "am bàta fiodha as motha a rachadh a thogail an Alba airson bliadhnaichean mòra".
"Bheireadh e cothrom do dhaoine òga seòladh ionnsachadh agus do phreantasan a dhol an sàs san obair togail
'"S e rud ìongantach a bhiodh ann don sgìre ionadail agus do dh'Alba," thuirt e.


