Rabhadh bho Network Rail an dèidh do dheugairean a dhol air an loidhne an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha Network Rail ag iarraidh air daoine a bhith air am faiceall aig loidhnichean rèile às dèidh do dhealbhan CCTV nochdadh a bha a' sealltainn dheugairean air an loidhne an Inbhir Nis.
Bha dà thachartas fa leth aig crois-rèile ann an Ceasag a Deas taobh a-staigh seachdain aig toiseach na mìos.
Tha mu 30 treana a' dol seachad air an loidhne an sin aig astaran suas ri 50 mìle san uair.
Thuirt Network Rail gun do dh'innis cuideigin dhaibh air an 30mh dhen Ghiblein gum faca iad daoine a' cur chlachan air an loidhne.
Tha dealbhan CCTV a' sealltainn còignear dhaoine òga air an loidhne, le dithis an uairsin a' tilleadh gus na clachan a ghluasad.
Air an 7mh dhen Chèitean, sheall dealbhan dithis dheugairean a' seasamh air an loidhne le trèana a' tighinn.
Ghluais aon duine a-mach às an rathad ach dh'fhan an neach eile far an robh iad, a' tighinn far na loidhne agus an trèana a' tighinn gan ionnsaigh.
B' fheudar dhan dràibhear na breicean a chur an-sàs ann an èiginn.
Thuirt ceannard sàbhailteachd nan obrachaidhean aig Network Rail, Rachel Seathach, gu bheil dragh mòr orra mu na tachartasan seo.
"Chan eil an loidhne rèile mar àite airson ùine a chur seachad le do charaidean", thuirt i.
"'S e àite a th' ann far a bheil trèanaichean a' gluasad aig astar luath gun chomas aca an slighe atharrachadh no a thighinn gu stad gu h-aithghearr.
"Dh'iarrainn air a h-uile duine, agus daoine òga gu sònraichte, gun a bhith an sàs ann an giùlan cunnartach dhan t-seòrsa seo air an loidhne rèile."