A' cuimhneachadh rèidearan Ratharsair

- Air fhoillseachadh
Thèid dà charragh-cuimhne fhoillseachadh ann an Ratharsair Dihaoine mar chuimhneachan air rèidearan fearainn san eilean.
Tha 105 bliadhna bho dh'fhàg seachdnar Rònaigh, far cheann a tuath Ratharsair, airson fearann a stèidheachadh dhaibh fhèin air talamh ann an ceann a deas an eilein às an deach an sinnsearan fhuadach.
Bha na rèidearan air innse do Bhòrd an Àiteachais gun robh dùil aca am fearann a ghabhail air ais gus biadh a chumail ri an cuid teaghlaichean.
Bha seo coltach ri rèidean fearainn a thachair ann an ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd anns na bliadhnaichean às dèidh a' Chogaidh Mhòir.
Chuireadh cuid de rèidearan Ratharsair an greim agus chaidh an cur dhan phrìosan ann an Inbhir Nis airson sia seachdainean.
Bha taic gu math làidir ann dha na rèidearan am measg an t-sluaigh.
Air a' cheann thall chaidh an saoradh agus fhuair iad cead fuireach ann an Ratharsair.

Calum Don MacAoidh anns Na Feàrnaibh an Ratharsair aig taigh a sheanair, fear de na rèidearan.
Thog iad taighean anns Na Feàrnaibh agus Eighre agus 's ann an sin a tha na carraighean-cuimhne ùra.
B' e seanair Chalum Don MhicAoidh fear de na rèidearan.
Tha Calum Don ag ràdh gun robh na fuadaichean a bh' ann an Ratharsair air daoine a sgaoileadh gu ceann a' tuath an eilein agus gu Rònaigh, far nach robh an talamh idir cho math.
"Bha cùisean gu math truagh. Bha cus dhaoine ann, bha an t-àite cho beag is cha robh fearann gu leòr ann," thuirt Calum Don air Aithris na Maidne Dihaoine.
"Bha bochdainn ann is cha robh bith-beò aca."
Tha Calum Don mar phàirt de bhuidhinn ann an Ratharsair a tha air a bhith ag obair airson an gnothach a chomharrachadh.
Dh'innis e gun robh iad a' coimhead ris nuair a bha 100 bliadhna ann bhon rèid ach gun do chuir glasadh Chovid maill air.
'S e sin a dh'fhàg gu bheil iad a' foillseachadh nan carraighean-cuimhne an-dràsta is 105 bliadhna ann.
"Tha fear ann an Eighre is fear anns Na Fèarnaibh is ainmean an t-seachdnar air gach carragh-cuimhne," dh'innis Calum Don.

Bha seanair Wilma Duncan - Dòmhnall Beag MacLeòid - cuideachd am measg nan rèidearan.
Tha Wilma air a bhith an sàs san oidhirp na carraighean-cuimhne a thogail cuideachd.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan an-uiridh, dh'innis i carson a tha i ga fhaicinn cho cudromach rèidearan Ratharsair a chuimhneachadh.
"'S e gasgaich a bh' annta ann an dòigh.
"Dh' fhosgail iad suas an t-eilean dhan h-uile duine, fhuair iad an t-eilean dhan h-uile duine eile agus às dèidh sin, lean daoine eile a-mach à Fladaigh, Eilean Taighe, An Caol Rònach, thàinig iadsan sìos agus thog iad taighean agus thog iad teaghlaichean.
"Cha bhithinn-sa ann an sheo agus cha bhiodh an teaghlach agam ann an sheo. Tha mi taingeil airson an rud a rinn iad agus bidh mi taingeil gu bràth."
Carraighean-cuimhne san amharc do rèidearan Ratharsair
- Air fhoillseachadh31 An Dàmhair 2025
Tha dùil ri sluagh ann an Ratharsair Dihaoine airson foillseachadh nan carraighean-cuimhne fhaicinn.
Bidh sliochd nan rèidearan nam measg is cuid air siubhal gu math fada airson a bhith an làthair.
Thèid carragh-cuimhne fhoillseachadh aig 12:30f ann an Eighre agus an dàrna carragh-cuimhne an uairsin anns Na Fèarnaibh timcheall air 1:45f.
Bidh cuirm bheag ann aig gach làrach agus cluichidh am pìobair an Dr Aonghas Dòmhnallach fonn a tha e air sgrìobhadh airson nan rèidearan.
Bidh taisbeanadh mun ghnothach às dèidh sin ann an Talla Coimhearsnachd Ratharsair ann an Inbhir Àrais.
Thig cùisean gu crìch le cèilidh san talla aig 7:30f.