Poileas a dh'èignich dithis bhoireannach an Leòdhas sa phrìosan

Chuir Poileas Alba Cameron Ross às a dhreuchd rè ùine san Fhaoilleach 2024
- Air fhoillseachadh
Chaidh oifigear poilis a dh'èignich dithis bhoireannach ann an Leòdhas agus a rinn droch-dhìol air tè eìle an Inbhir Nis a chur dhan phrìosan Diluain an dèidh do bhritheamh a thagradh gum faod e fhathast a bhith ma sgaoil air urras a dhiùltadh.
Chuala an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann gun tug Cameron Ross, 39, ionnsaighean air dithis bhoireannach aig diofar àitichean timcheall air Steòrnabhagh.
Thachair a' chiad ionnsaigh eadar a' 1d den Lùnastal agus an 31mh den Dàmhair 2012.
Dh'innis am boireannach dhan chùirt gun robh iad air coinneachadh aig partaidh, agus gun tug Ross oirre a bhith feise ris.
Thuirt i: "Cha do dh'fhairich mi càil. Bha mi reòta."
Thuirt i gun do dh'fhàg an ionnsaigh troimh-chèile i.
"Bha mi reòta"
Chaidh innse dhan chùirt gun tug e ionnsaigh air an dàrna boireannach ann an Leòdhas san Ògmhios 2014.
Dh'fhuiling treas boireannach droch-dhìol eadar a' 1d den Dàmhair 2019 agus an 8mh den Ògmhios 2022 aig diofar sheòlaidhean ann an Inbhir Nis.
Chuala a' chùirt gun do thachd e i, gun do mhaoigh e oirre le sgithinn agus gun tuirt e gum marbhadh e i ann an sreath ionnsaighean air a' bhoireannach.
Chaidh Ross a dhìteadh cuideachd gun robh e ri dol a-mach bagairteach agus droch-dhìolach aig taigh ann an Inbhir Nis air an 5mh den Ògmhios 2022.
Dh'fheuch e cuideachd ri bacadh a chur air ceartas le bhith a' feuchainn iomadach turas ri bruidhinn ri boireannach a bha a' toirt seachad fianais gu oifigear poilis.
"Cùis dhuilich agus iomnach"
Bha Ross air a dhol às àicheadh na bhathar a' fàgail air ach fhuair diùraidh ciontach e air a h-uile casaid.
Thuirt am fear-lagha dìon aige, Mark Stewart KC, nach robh rian nach rachadh a chur dhan phrìosan an dèidh na cùise-lagha.
Rinn e tagradh gum faodadh Ross fhathast a bhith saor air urras mar a tha e air a bhith airson ceithir bliadhna fhad 's a tha aithisg ga h-ullachadh mus tèid binn air.
Thuirt am britheamh Alison Stirling nach robh i deònach sin a dhèanamh agus chaidh Ross a chumail an greim.
Thuirt i gur e "cùis dhuilich agus iomnach" a bh' air a bhith ann agus gun robh seirbheisean comhairleachaidh ri fhaotainn nan robh iad sin a dhìth.

Thèid binn air Ross san Iuchar aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann
Dh'aithris am BBC san Fhaoilleach 2024 gun deach a chur far a dhreuchd rè ùine.
An dèidh breith na cùirte, thuirt Poileas Alba gun tòisich iad sgrùdadh an aghaidh Ross airson fìor dhroch-ghiùlain mar oifigear poilis.
Thuirt an t-Àrd Superintendent Helen Harrison: "Tha ar smuaintean leis an fheadhainn a dh'fhuiling agus tha mi an dòchas gum bi an dìteadh a' toirt sòlas dhaibh gu ìre.
"Tha mi airson moladh a dhèanamh air cho làidir 's a bha iad ann ann a bhith ag innse do na poilis mu na h-eucoirean seo agus an duine seo a thoirt gu ceartas.
"Tha sinn a' tuigsinn cho duilich 's a tha e gearan a thogail mu eucoirean mar seo, gu h-àraidh nuair 's e oifigear poilis an t-eucoireach.
"Tha sinn airson am poball a mhisneachadh gun tèid làn sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile aithris, ge bith cùine a thachair an eucoir neo cò a tha an sàs innte."
Chaidh Ross a chur air clàr nan drabastairean. Thèid binn air aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann san Iuchar.