Lùghdachadh 60% an eimiseanan carboin an cois ghoireasan ùra SMO

Tha an Sabhal Mòr an dòchas gun tèid aca air lùghdachadh a bharrachd a thoirt air sgaoilidhean carboin air a' champas
- Air fhoillseachadh
Tha Sabhal Mòr Ostaig ag ràdh gu bheil iad an dùil gun tig lùghdachadh de 196 tunnaichean air na thathar a' sgaoileadh de charbon sa bhliadhna mar thoradh air crann-gaoithe, pannalan-grèine agus pumpa-teas èadhair a tha a-nis aca.
Dh'innis Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Slèite gu bheil iad mar-thà air lùghdachadh 60% a thoirt air na tha iad a' sgaoileadh de charbon dhan àrainneachd.
Tha prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, an Dr Gillian Rothach, ag ràdh gu bheil iad "glè mhoiteil às" gun d' fhuair iad air na tha sin de dh'eimiseanan a ghearradh.
Thuirt i: "Le bhith a' cruthachadh cumhachd ghlan air làrach na Colaiste, tha sinn a' toirt lùghdachadh air ar cosgaisean agus a' cur taic ris a' cheann-uidhe fharsaing againn gus cànan, cultar agus coimhearsnachdan na Gàidhlig a chur air adhart.

Tha an Sabhal Mòr ag iarraidh molaidhean a' phobaill airson ainm a thoirt air a' chrann-ghaoithe
"Chaidh an crann-gaoithe dà-lannach seo a roghnachadh ri linn cho èifeachdach agus cho sàmhach 's a tha e, agus sinn airson dèanamh cinnteach gum freagradh e gu ceart air àrainn na Colaiste."
Chuir iad farpais air dòigh airson ainm Gàidhlig don chrann-ghaoithe a thaghadh agus tha iad airson 's gun cuir daoine molaidhean thuca.
Chaidh na pròiseactan seo a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba tron Sgeama Lùghdachadh-carboin airson Oighreachdan Poblach na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean

- Air fhoillseachadh20 An t-Ògmhios 2025

