Galar sprèidh blackleg dearbhte an Uibhist a Tuath

Dà laogh Tùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis lighiche-sprèidh Uibhist gu bheil grunn chùisean den ghalar blackleg, no an Spòg Dhubh, air a bhith air an dearbhadh air laoigh ann an ceann an iar thuath Uibhist a Tuath.

'S e droch ghalar sprèidh a th' ann a dh'fhaodas a bhith marbhtach.

Ann am brath, taobh a-muigh air na meadhanan-sòisealta, thuirt Southern Isles Veterinary Practice gur dòcha gur e staid na h-ùire, beathaichean a tha a' fàs gu luath, agus cho fliuch 's a tha i air a bhith as coireach.

Thuirt iad nach robh iad eòlach ron seo ach air aon chùis san 40 bliadhna mu dheireadh.

Cha ghlac beathaichean an galar bho chèile ach gheibhear e bho bhith ag ithe feur.

Glè thric, chan eil comharran den ghalar follaiseach agus cha bhi fios gu bheil e air beathach gus an tèid a lorg marbh.

Ma nochdas comharran, tha beathach a tha gu math cuagach, le sèid na amhach no na chas, nam measg.

'S dòcha cuideachd gum faicear builgein fon chraiceann.

Aon uair 's gun nochd comharran an tinneis, 's àbhaist gum bàsaich am beathach taobh a-staigh 12-36 uair a thìde.

Ma chailleas duine beathach ri linn na Spòige Duibhe, thathar a' moladh a' chòrr dhan treud a ghluasad anns a' bhad agus fios a chur air lighiche-sprèidh airson bruidhinn air banachdaichean agus leigheas airson na beathaichean a th' air fhàgail.