Cha bhi fir Arcaibh sa bhall-coise aig Geamannan nan Eilean 2027

George Ewing, Jay Foubister, Owen Young, Liam Delday is Jason Scott a' seasamh ann an loidhne is làmh aca uile air ball-coise beag sa mheadhanTùs an deilbh, Comann Ball-Coise Amaitearach Arcaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Na cluicheadairean a bha air an targaid do dh'Arcaibh aig ìre nam buidhnean ann an Geamannan nan Eilean 2025

  • Air fhoillseachadh

Cha bhi fireannaich Arcaibh a' cluich ann am farpais a' bhuill-choise aig Geamannan nan Eilean anns na h-Eileanan Fàrach an ath-bhliadhna.

Thuirt Comann Ball-Coise Amaitearach Arcaibh gur e ionmhas as coireach is nach robh ceist idir ann a thaobh miann a bhith a' cluich san fharpais.

Thog iad air na cosgaisean a tha a' tighinn air gach cluicheadair a thaobh siubhail is àite-fuirich is thuirt iad nach robh ach glè bheag air a bhith comasach aig an ìre seo gealltanas a thoirt air a' chiad chnap airgid a phàigheadh.

Thuirt iad gun robh cus mhì-chinnt an lùib ainm Arcaibh a chur san taghadh leis a' chunnart gun cailleadh daoine airgead nam biodh aca ri tarraing a-mach.

"Air a' cheann thall cha robh dol às againn ach co-dhùnadh nach bi Arcaibh a' cluich ann am farpais ball-coise nam fear," thuirt iad.

Chrìochnaich fir Arcaibh sa chòigeamh àite aig geamannan 2025 is iad a' cluich aig an taigh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte