Bobhladh agus goilf a-mach a Geamannan nan Eilean ann an 2027

Geamannan nan Eilean 2027Tùs an deilbh, BBC Sport
  • Air fhoillseachadh

Thathar air na spòrsan a bhios nam pàirt de Gheamannan nan Eilean ann an 2027 fhoillseachadh.

Thèid na geamannan air adhart anns na h-Eileanan Fàrach agus tha 14 spòrs eadar-dhealaichte air a' chlàr.

Tha ball-basgaid, judo, losgadh, teanas agus volleyball uile a' tilleadh gu na geamannan.

Ach chan eil àite anns na geamannan airson bobhladh neo goilf, dà spòrs anns an do ghabh sgioba nan Eilean Siar pàirt aig Geamannan Arcaibh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte