Cead do ghoireasan ùra spòrs an Tolastadh bho Thuath

- Air fhoillseachadh
Thug Comhairle nan Eilean Siar cead seachad 'son pàirce phlastaig is raon far an tèid geamaichean a chluich ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas.
'S iad an carthannas ionadail Pairc aig Clann Tholstaidh (PACT) a th' air cùl nam planaichean.
Bha Comhairle Coimhearsnachd Tholastadh bho Thuath roimhe air cead fhaighinn airson leasachaidh coltach ri seo ann an 2019 ach cha deach e air adhart.
Thuirt oifigich CnES gur e "ùrachadh" air na planaichean sin a bh' anns an tagradh ùr.
Thèid a-nise pàirce phlastaig 40×25 meatair a stèidheachadh, a thuilleadh air raon gheamaichean 34×18 meatair.
Bidh feansa ùr timcheall orra is solais gus an tèid na goireasan a chleachdadh anns an dorchadas.
Bidh cuideachd rathad ùr a' dol thuca, raon-parcaidh le àite do 16 carbadan, agus ionadan 'son ullachaidh is 'son rudan a stòradh.
'S ann le Urras Steòrnabhaigh a tha am fearann.