Naidheachdan 11:00m
Hantavirus
Tha Riaghaltas nan Eilean Canary air a ràdh nach eil iad idir airson 's gun tèid soitheach-crùs air a bheil sgapadh de hantavirus gu cala an sin. Tha dearbhadh ann gun robh am bhìoras air aonan den triùir a dh'eug air bòrd an Hondius. Tha Ministreachd Slàinte na Spàinne air innse gu bheil i gu bhith seòladh an sin à Cape Verde far a bheil i an-dràsta air acaire.
Cùis Hantavirus san Eilbheis
Aig a' cheart àm, tha an Eilbheis air cùis de hantavirus a dhearbhadh air euslainteach a bh' air tilleadh chun na dùthcha às dèidh dhaibh a bhith air thuras ann an Aimeireaga a Deas. Tha oifigich ag ràdh gun robh an neach air ùine a chur seachad air bòrd an t-soithich-crùs, ach gun do nochd comharran a' bhìorais orra às dèidh dhaibh tilleadh dhachaigh.
Caolas Hormuz
Chaidh stad rè ùine a chur air iomairt feachdan nan Stàitean Aonaichte gus soithichean a ghiùlain tro Chaolas Hormuz. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gu bheil e air aontachadh ri dàil ghoirid feuch an tèid aca air aonta deireannach a ruighinn le Ioran.
Seirbheisean-adhair
Chaidh 13,000 seirbheis-adhair a chur dheth air feadh an t-saoghail air a' mhìos seo air sàillibh an àrdachaidh ann an cosgaisean connaidh leis a' chogadh san Ear-Mheadhanach. Tha fiosrachadh bhon bhuidhinn sgrùdaidh air gnothaichean itealanachd, Cirium, a' sealltainn gur ann an Istanbul agus ann am Munich a bha na gearraidhean as motha.
Binn prìosain
Chaidh binn 18 mìosan sa phrìosan a chur air fear a bha roimhe na cheannard air Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath airson ionnsaighean feiseil a thoirt air còignear fhireannach òga am measg eile. Bha Jordan Linden na chomhairliche don SNP 's bha e air a dhreuchd mar cheannard fhàgail bho chionn ceithir bliadhna às dèidh do na casaidean nochdadh an toiseach. Chaidh fhaighinn ciontach às dèidh cùis-lagha aig Cùirt an t-Siorraidh san Eaglais Bhric agus chaidh a chur air clàr nan drabaistearan.
Iomairt an Taghaidh
'S e seo an latha mu dheireadh de dh'iomairt an taghaidh agus sinn a' dol chun nam bogsaichean baileit a-màireach feuch cò a b' fheàrr leinn a chur gu Pàrlamaid na h-Alba. 'S iad cosgaisean bith-beò, an NHS, seirbheisean poblach agus inimreachas as motha a nochd thar sia seachdainean de dh'iomairt. Tha a' bhòt gu bhith a' tòiseachdainn aig 7:00m madainn a-màireach, agus iad gu bhith a' cunntadh na bhòt o mhadainn Dihaoine.
Tiriodh
Tha Urras Thiriodh ag ràdh gu bheil feum air seirbheis-aiseig bathair dhaibh fhèin. Tha seo a' tighinn às dèidh dhaibh innse air an t-seachdain seo chaidh gun robh iad cha mhòr air ruith a-mach à peatral. 'S ann acasan a tha an aona stèisean connaidh air an eilean.