Bàrd ùr a' Chomuinn air a chrùnadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh Niall O'Gallagher ainmeachadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig.
'S e bàrd agus eadar-theangaire - a thuilleadh air fear-naidheachd poilitigeach dhan BhBC - a th' ann an Niall.
B' ann o chionn 100 bliadhna a chaidh a' chiad bhàrd a chrùnadh aig a' Mhòd, 's an duais a' toirt aithne do neach a th' air tabhartas cudromach a chur ri saoghal litreachais na Gàidhlig.
'S e Niall an 59mh Bàrd a th' air a chrùnadh, agus e a' gabhail thairis an dleastanais bhon bhàrd agus craoladair Pàdraig MacAoidh.
Fhuair e a chuid ionnsachaidh ann an Oilthigh Ghlaschu far an robh e a’ teagasg mus deach e air adhart a dh’obair mar neach-naidheachd agus a thòisich e a’ sgrìobhadh bàrdachd.
Dh’fhoillsich e trì cruinneachaidhean bàrdachd eadar 2013 agus 2020, a dh'fhàg gun d' fhuair e àite air a’ gheàrr-liosta airson Duais Ruairidh MhicThòmais agus gun do bhuannaich e Duais Ghàidhlig Farpais Bàrdachd Bhaile na h-Ùige ann an 2020.
Chaidh na h-eadar-theangachaidhean ann am Beurla agus Albais aige de na dàin Ghàidhlig aig Crìsdean MacIlleBhàin a chruinneachadh ann an Ceum air Cheum / Step by Step agus air geàrr-liosta Leabhar Bàrdachd na Bliadhna aig Crann na h-Alba 2019.
San dearbh bhliadhna sin, chaidh ainmeachadh mar Bhàrd Baile Ghlaschu, a’ chiad Laureate Gàidhlig ann an Glaschu.
Chaidh an obair mu dheireadh aige fhoillseachadh nas tràithe am-bliadhna agus tha e an-dràsta ag obair air nobhail goirid de rannan le taic bho Chomhaltachd Ignite agus bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.
Thuirt Niall O’Gallagher: “Tha mi air mo dhòigh an t-urram seo fhaighinn bhon Chomunn Ghàidhealach. Tha mi a' dèanamh fiughair ris an obair a leanas, a' leantainn ceumannan nam bàrd sònraichte a thàinig romham.”
Is e Diciadain a’ Mhòid là litreachais na Gàidhlig gu traidiseanta agus a thuilleadh air crùnadh a’ Bhàird ùir, tha prògram loma-làn de chùisean litreachais iongantach eile.
Nam measg sin, tha leughadh bhon Bhàrd ùr agus còmhradh eadar e fhèin agus am Bàrd a tha ag imeachd.
Thèid tachartas a’ comharrachadh 100 Bliadhna de Bhàird a chur air àrd-ùrlar feasgar, agus an Comunn Ghàidhealach ’s am foillsichear CLÀR a’ cur leabhar ùr air bhog a tha air a dheasachadh le Gillebride Mac IlleMhaoil, agus a bhios a’ rannsachadh an fhàis mean air mhean air an urram litreachais eachdraidheil.