Taic do bhuidhinn ùir fom faigh eileanaich 20% de dhà thuath-gaoithe

Tuath-gaoithe agus dithis a' seasamhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir comhairlichean sna h-Eileanan an Iar an taic ri moladh companaidh ùr phrìobhaideach a stèidheachadh a bheir air adhart am plana airson 's gum bi 20% de Thuathan-Gaoithe Steòrnabhaigh agus Uisenis fo shealbh na coimhearsnachd.

An t-seachdain a chaidh chuir iad dàil air a' phròiseas gus Cumhachd nan Eilean Siar a stèidheachadh gu foirmeil còmhla ri Urras Steòrnabhaigh agus Urras Coimhearsnachd Tuath-Gaoithe Mhuaitheabhail.

Bha draghan ann nach biodh guth làidir gu leòr aig a' Chomhairle air bòrd na buidhne ùire a thaobh cho-dhùnaidhean cudromach mu mhaoineachadh.

Chuala buill Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich Dimàirt, ge-tà, rabhadh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an cois dàil air a' phròiseas a' bhuidheann ùr a chur air dòigh gu foirmeil.

Dh'innis Àrd-Oifigear na h-Eaconomaidh agus Ath-Leasachadh Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar, Anne Mhoireach, dhaibh: "Tha fhathast mòran obrach ri dhèanamh agus feumaidh an structar seo a bhith an sàs airson a bhith a' cumail chòmhraidhean leis an luchd-leasachaidh agus airson a bhith a' gluasad air adhart leis."

Ghabh Ms Mhoireach ris gu bheil draghan ann mu chòraichean bhòtaidh air bòrd na companaidh ùire ach thuirt i "gur e rudeigin air am faod sinn coimhead a thaobh riaghlachais agus na bun-reachd".

Thuirt comhairliche na Hearadh, Coinneach MacLeòid, a thog dragh mu structar bòrd na companaidh ùire gun robh e "air a shàsachadh gu ìre" le na molaidhean a mhìnich Ms Mhoireach.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Pòl Steele: "Le Cumhachd nan Eilean Siar a bhith air a stèidheachadh tha buidheann laghail againn a nì còmhradh le luchd-maoineachaidh agus bidh sin air leth feumail.

"Tha seasamh na comhairle soilleir: ma tha pròiseactan mòra ath-nuadhachail gu bhith againn anns na h-Eileanan an Iar, feumaidh buannachdan dìreach is leantainneach a bhith dhan choimhearsnachd".

Chaidh aontachadh gur e ceannard is leas-cheannard CnES a bhios gan riochdachadh air bòrd na buidhne ùire, còmhla ri cathraiche air neo leas-chathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich.

Chualas an t-seachdain sa chaidh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt dhan chompanaidh Eurowind airson Tuath-gaoithe Uisenis.