Dàil air plana 20% de dhà thuath-gaoithe an Leòdhas a bhith leis an t-sluagh

- Air fhoillseachadh
Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar nach bi guth làidir gu leòr aca air bòrd na buidhne ùire a bheir air adhart plana gus sealbh poblach fhaighinn air 20% de dhà phròiseact gaoithe.
Cha bhi ach triùir chomhairlichean air bòrd na companaidh ùire prìobhaidich, Cumhachd nan Eilean Siar, ach sianar bho na h-urrasan coimhearsnachd a gheibh buannachd à dà thuath-gaoithe a tha san amharc.
Rinn Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail aonta mar-thà le Eurowind, a fhuair cead an t-seachdain seo fhèin airson Tuath-gaoithe Uisenis, gus 20% den chumhachd a thig às a chur an làmhan poblach.
Mar an ceudna, tha Urras Steòrnabhaigh air aonta a ruighinn le luchd-leasachaidh Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh airson na h-aon suime.
Chuala buill Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich Diciadain gum faodadh 80MW den dealan a chruthaicheadh na sgeamaichean seo a bhith fo smachd na coimhearsnachd.
A rèir aithisg bho Àrd-oifigear Eaconomaidh is Ath-leasachadh Coimhearsnachd Comhairle nan Eilean Siar, Anne Mhoireach, 's e "an ìre de chruthachadh chumhachd as motha am Breatainn a bhiodh fo shealbh coimhearsnachd".
Cumhachd nan Eilean Siar na "chothrom sònraichte"
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025
Cumhachd nan Eilean Siar 'son 20% de dhà thuath-gaoithe a chur an làmhan eileanach
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
"Adhartas" a thaobh buannachd coimhearsnachd à leasachaidhean gaoithe
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios 2025
Bhathar a' moladh gun rachadh a' bhuidheann a bhios a' toirt air adhart a' phlana sin, Cumhachd nan Eilean Siar, a stèidheachadh gu foirmeil agus gu laghail.
Ge-tà, nochd buill na comataidh an cuid draghan nach bi ach triùir chomhairlichean air bòrd na buidhne.
Thuirt comhairliche Uibhist a Tuath, Mustapha Hocine, gur e "dìth deamocratach a bhiodh ann dhan Chomhairle".
Am beachd comhairliche na Hearadh, Coinneach MacLeòid: "Tha a' Chomhairle a' riochdachadh nan eilean air fad, agus bu chòir dhan bhòt rèitich a bhith aig a' Chomhairle, agus feumar riochdachadh air a' bhòrd dha rèir."
Chuir na comhairlichean dàil air pròiseas a' chompanaidh a stèidheachadh gus am bi còmhraidhean aca le na buidhnean eile feuch barrachd riochdairean bhon Chomhairle fhaighinn air a' bhòrd.