Tuath-gaoithe Uisenis an Leòdhas air cead fhaighinn

Crann-gaoithe
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt, taobh a-muigh do phlana na companaidh Eurowind airson Tuath-gaoithe Uisenis ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas.

Bidh 25 crainn cho àrd ri 200 meatair air an togail air Oighreachd Ìsginn.

Bidh an leasachadh comasach air suas de 165MW de chumhachd a chruthachadh sa bhliadhna.

Bidh dà fo-stèisean cuideachd an cois a' phròiseict agus thèid an rathad singilte tron oighreachd a leudachadh.

'S e ath-dhealbhachadh de Thuath-ghaoithe Mhuaitheabhail, a fhuair aonta, a th' ann an Tuath-gaoithe Uisenis.

Mairidh an leasachadh airson 30 bliadhna agus bidh e comasach air dealan a chumail ri mu 105,000 dachaigh sa bhliadhna.

Tha Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail air a bhith an sàs ann an còmhraidhean airson co-dhiù 20% den leasachadh a chur ann an làmhan an t-sluaigh.

Còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar agus Urras Steòrnabhaigh, bha iad air a' chompanaidh Cumhachd nan Eilean Siar a stèidheachachadh, is iad ag amas air 20% de leasachadh Uisenis agus Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh a bhith aig a' choimhearsnachd.

Tha Eurowind agus Lewis Wind Power a thaobh Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh air aonta a ruighinn le na h-urrasan coimhearsnachd mar-thà.

Ann am brath-naidheachd thuirt Àrd-mhanaidsear Leasachaidh Eurowind, Heather Ritchie gum faigheadh a' choimhearsnachd còrr is £25m thairis air beatha an sgeama.

Thuirt i: "Tha fhathast mòran obrach ri dhèanamh agus bidh sinn ag obair gu dlùth le buidhnean ionadail thairis air na mìosan ri thighinn airson agus gum faigh iad a' bhuannachd as motha às."

Tha dùil gun tòisich an obair togail air an tuath-ghaoithe ann an 2027 agus gum bi e a' cruthachadh cumhachd ann an 2030 ma 's e agus gu bheil an càball dealain ùr fon mhuir eadar tìr-mòr agus na h-Eileanan an Iar an sàs.