Naidheachdan 10:00m
Beàrn
Thàinig barrachd àrdachaidh na bha dùil air na ghabh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air iasad air a' mhìos seo chaidh. Tha figearan a dh'fhoillsich Oifis nan Staitistig Nàiseanta a' sealltainn gun robh an diofar eadar na chaidh a chosg air seirbheisean na roinne poblaich agus na chaidh a thogail ann an cìsean aig £24.3bn - àrdachadh an cairteal cuid an taca ris an aon àm an-uiridh.
Cuba
Tha Rùnaire Stàit nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, ag ràdh gu bheil Cuba na cunnart do theàrainteachd nàiseanta 's nach eil mòran choltas ann gun tèid aca air aonta sìthe a ruighinn. Tha Washington air a bhith a' cur an tuilleadh ìmpidh air an riaghaltas chomannach ann an Havana agus iad air an t-seann cheann-suidhe, Raul Castro, a chur fo chasaid muirt. Tha ministearan cèin Chuba ge-tà, a' dol às àicheadh na chaidh fhàgail orra.
NATO
Aig a' cheart àm tha Mgr Rubio air a dhol chun na Suaine airson coinneamh le ministearan cèin NATO. Thuirt e gu bheil an Ceann-suidhe Trump gu math mì-thoilichte le barrachd na buidhne agus e a' fàgail orra gu bheil iad air a dhol am falach fhad 's a tha an cogadh a' dol an aghaidh Iran.
Anndra Mountbatten Windsor
Ma dh'fhaoidte gun dèan na poilis a tha a' rannsachadh chasaidean gun robh Anndra Mountbatten Windsor ri mi-ghiùlan ann an oifis poblach sgrùdadh air gearanan de mhì-ghiùlan feiseil mar phàirt den obair aca. Tha iad air tagradh eile a dhèanamh airson fiosrachaidh 's tuigse ann gu bheil dragh orra gu bheil daoine den bharail gu bheil an aire dìreach air na casaidean gun robh an t-seann phrionnsa air pàipearan dìomhair a chur gu Jeffrey Epstein. Tha Mgr Mountbatten Windsor a riamh air a dhol às àicheadh gun do rinn e sgath ceàrr.
Caibineat
Tha caibineat ùr na h-Alba gu bhith a' coinneachadh airson a chiad uair an-diugh fhathast. Tha nas lugha dhiubh ann an taca ris a' chaibinet a bh' ann san riaghaltas mu dheireadh. Tha dùil gun iarr Iain Swinney orra na prìomhachasan aige a lìbhreagadh - an leithid a bhith a' toirt taic do theaghlaichean le staing nan cosgaisean bith-beò, a bhith a' toirt piseach air an t-seirbheis slàinte, a bhith a' toirt fàs air an eaconamaidh, agus a bhith a' toirt neo-eisimeileachd na h-Alba gu buil.
Peairt
Chaidh gille aois 17 a chur an greim 's fo chasaid às dèidh mar a chaidh lorg fhaighinn air pasgan amharasach ann am Peairt. Chaidh na poilis is eòlaichean boma a ghairm gu Fairmount Terrace aig mu 6:45f a-raoir. Chaidh iarraidh air daoine na dachannan aca faisg air làimhe fhàgail, ach chaidh leigeil leotha a dhol dhachaigh bhon uairsin. Chaidh an gille a leigeil mu sgaoil le dùil gun nochd e sa chùirt an ceann ùine.