Pròiseact a tha a' fàs rèisg a dhèiligeas ri tart agus atharrachadh na h-aimsire

Tha riasg Sphagnum cudromach airson talamh mòintich a chumail fallainn
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-rannsachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (OGE) an sàs ann am pròiseact £2.7m feuch riasg Sphagnum fhàs a sheasas ri tart agus mar a tha an gnàth-shìde ag atharrachadh.
Tha am pròiseact FutureMoss ag amas air gnèithean ùra den chòinneach a chruthachadh airson talamh mòintich a tha cudromach a thaobh stòradh-càrboin, bith-iomdachachd agus glèidheadh-uisge a chumail fallainn.
Cha dèan Sphagnum cho math ann an sìde thioram agus seach freumhaichean neo stomata a chuidicheas e gun uisge a chall tha e a' crochadh air an structar fhèin airson uisge a ghlèidheadh.

Tha riasg Sphagnum ann a tha air atharrachadh airson dèiligeadh ri sìde nas tiorma
Comharraichidh an luchd-rannsachaidh càite am Breatainn agus an Èirinn a gheibhear an riasg Sphagnum as motha a sheasas ri tart airson 's gun tuig iad carson a tha e a' dèiligeadh cho math le tioramachd.
Tha an Dr Mascha Bischoff, Eag-eòlaiche Ceimigeach Talamh Mòintich le OGE, ag ràdh gu bheil "rèisg Sphagnum ann a tha mar thà air atharrachadh airson dèiligeadh ri tart".
Thuirt i: "Bidh FutureMoss a' coimhead air mar a ghabhas na caochlaidhean sin a chleachdadh airson 's gun urrainn do na mòintichean dèiligeadh nas fheàrr ri buaidh atharrachadh na gnàth shìde."
'S e Institud James Hutton a bhios os cionn a' phròiseict a mhaireas dà bhliadhna.