Naidheachdan 10:00m

Danny Tommo

Chaidh am fear-iomairt an aghaigh in-imreachais mhì-laghail, Daniel Thomas - a tha cuideachd aithnichte mar Danny Tommo - a chur an grèim fo chasaid gun do rinn e milleadh air eathar bheag sa Chaolas Shasannach. Bha e a' craoladh beò air na meadhanan-sòisealta 's coltas gun do chuir e sgian tro chliathaich a' bhàta an-raoir, air nach robh imrichean sam bith air bòrd tuilleadh. Bha ge-tà, oifigeach Frangach air bòrd. Sgaoil Mgr Thomas bhideo an-raoir ga shealltainn ga chur an grèim le poilis aig stèisean peatrail.

OpenAI

Chuir Riaghaltas Astràilia ath-sgrùdadh èiginneach air dòigh an dèidh mar a thàinig e am bàrr gun do rinn àidseant AI leis a' chompanaidh OpenAI hacadh air làrach-lìn seirbheis slàinte na dùthcha. Tha dùil gur e seo a' chiad turas a bhris AI a-steach air buidhinn riaghaltais. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Anthony Albanese, gun robh seo air tachairt anns an Ògmhios, ach nach do dh'innis a' chompanaidh do dh'oifigich ann an Astràilia mu dheidhinn ron mhìos seo fhèin. Tha a' chompanaidh air aideachadh gun do rinn an teicneòlas rud nach bu chòir, ach thuirt iad gun d' fhuair rannsachadh a rinn iad nach eil fianais ann gun robh cothrom aig a' phrògram aca air fiosrachadh pearsanta euslainteach.

Prìsean Connaidh

Tha dùil gun èirich prìsean connaidh chun na h-ìre as motha riamh san t-seachdain a tha romhainn, a rèir an RAC. Tha cosgaisean dìosail ann an cùid de sgìrean dùthchail an Alba mar thà aig barrachd is £2 airson liotair. Tha seo a' cur uallaich mhòir air luchd-bathair aig tuath, gu h-àraid feadhainn a bhios ag obair eadar na h-Eileanan agus tìr-mòr. Tha dragh air buidhnean coimhearsnachd gum fàg an t-àrdachadh barrachd dhaoine ann am fiachan, agus gum fàg daoine sgìrean dùthchail ri linn.

Faraidhean Adhair

Tha prìsean àrd a' chonnaidh gu h-eadar-nàiseanta a' fàgail gum bi e mòran nas cosgaile do dhaoine a bhith a' sgèith gach cuid an taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte agus a-null thairis an ath-bhliadhna. Sin a rèir àrd-oifigeir Ryanair. Thuirt Mìcheal O'Leary gu bheil luchd-siubhail air a bhith fortanach thuige seo, ach gun èirich faraidhean tron Gheamhradh ri linn 's na dh'fheumas companaidhean adhair a chosg air connadh.

Sgudal

Agus dh'fhaodadh gum bi sgudal ga chàrnadh air sràidean na h-Alba a dh'aithghearr, agus suidheachadh èiginneach mu choinneimh roinn an sgudail, a rèir eòlaichean. Tha iad ag ràdh gu bheil duilgheadasan le lùghdachadh mòr air làraichean airson sgudal a thiodhlaigeadh, agus mar a tha prìomh ionad-losgaidh sgudail Ghlaschu air briseadh sìos air fìor dhroch shuidheachadh a chruthachadh. Dh'fhaodadh sin sgudal fhàgail gun a bhith air a thogail. Bho dheireadh na bliadhna seo bidh e mì-laghail stuth ann am bagannan dubha a chur fon talamh.