Dealbhan nach fhaic càch: a' cuimhneachadh air tlachd an leughaidh

Màthair a' leughadh san leabaidh le dithis chloinne, Peadar Rabaid cudalach agus leòmhannTùs an deilbh, Getty Images
LeTeàrlach Quinnell
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Nuair a thill mi dham leabaidh às a' chidsin le cofaidh an-diugh sa mhadainn, thachair rud àraid - thog mi leabhar.

Chan urrainn dhomh a mhìneachadh, ach air adhbhar air choireigin, cha robh sunnd orm idir am fòn a thogail.

Bidh mi a' leughadh, ach cha bhi cho tric 's a b' àbhaist, agus am fòn a' glacadh m' aire nas motha.

Ann an sgrùdadh a dh'fhoillsich a' bhuidheann More in Common, tha fònaichean agus innealan eile gan coireachadh airson lùghdachaidh mhòir anns na tha de dhaoine a bhios ri leughadh gu cunbhalach airson tlachd.

A rèir na h-aithisg aca, cha bhi ach mu 20% de mhuinntir na Rìoghachd Aonaichte a' leughadh a h-uile là dìreach air sgàth 's gu bheil e a' còrdadh riutha.

Bha uair a bhithinnsa gam chunntadh nam measg. Cha chanainn sin an-diugh.

Mar as trice tha na h-ìomhaighean a tha mo shùilean a' drudhadh a-steach dham inntinn tron là air an dealbh le càch, far am b' àbhaist faclan a bhith a' cur bruis ri canbhas nach fhaiceadh duine ach mi fhèin.

Boireannach le gruag dhorch na suidhe air sòfa le geugan air a cùl
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Kidd is i a' nochdadh an seo air a' phrògram Leugh Mi air BBC ALBA

Tha an naidheachd gu bheil cho beag dhaoine a' leughadh a' dèanamh dragh mòr dhan ùghdar agus foillsichear Màiri Kidd.

"Chan eil e a' cur iongnadh sam bith orm," thuirt i, a' bruidhinn air Aithris na Maidne nuair a bha mi air mo leabhar a chur bhuam 's an oifis a ruighinn.

"Tha mi a' smaointinn gur e pàtran a tha seo a thòisich o chionn fhada, agus tha ceangal làidir eadar seo agus innealan.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn uile - daoine dhe m' aois-sa co-dhiù agus nas òige - buailteach cus ùine a chur seachad air innealan, a' cleachdadh phrògraman a th' air an dealbh gus ar n-aire a tharraing agus a chumail."

Dh'aontaich mi rithe. Chan urrainn dhomh a ràdh dè mu dheidhinn a tha gam thàladh, no a' cumail m' aire - ach tha fhios agam dè tha a' dèanamh sin ann an leabhar.

Le leabhar, faodaidh mi a bhith an àite eadar-dhealaichte airson ùine mhòir, air mo bheò-ghlacadh leis an sgeulachd a tha mi a' leughadh. Tha e a' còrdadh rium cho mòr gu dearbha, agus gu bheil leabhraichean mòra a bhios mi a' leughadh a-rithist 's a-rithist.

Pàiste na laighe san leabaidh le fòn nan làmhan.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an ùine a tha clann a' cur seachad air sgrìonaichean a' cur bacadh orra bho bhith a' leughadh airson tlachd, a rèir 70% a fhreagair an sgrùdadh

Tha an doimhneachd sin a th' ann an leabhar cudromach, a rèir Màiri.

"Tha leughadh airson tlachd cudromach, oir tha e a' cuideachadh leis an sgil fhèin -agus tha tòrr eile anns an t-saoghal sa bheil sinn beò a' crochadh air an sgil sin," thuirt i.

"Do chloinn gu sònraichte. Tha cothroman beatha gu mòr a' crochadh air comas leughaidh.

"Tha an dòigh anns a bheil ar n-aire ag obair ag atharrachadh - chan eil sinn cho comasach air suidhe ùine mhòr le aon rud, aon phìos fiosrachaidh, le aona leabhar.

"Sin an rud a tha na h-innealan a' dèanamh oirnn - tha sinn a' coimhead tòrr rudan diofraichte, ag atharrachadh fad na h-ùine."

Balach na laighe air a thaobh san leabaidh a' leughadh leabhairTùs an deilbh, Getty Images

Anns an sgrùdadh a rinn More in Common, thuirt gu leòr cho doirbh 's a bha e toirt air a' chloinn aca rud a leughadh, le seachdnar às gach deichnear ag ràdh gu bheil sgrìonaichean a' cur bacadh air cloinn a bhith a' leughadh.

Cha tuirt ach triùir às gach deichnear nach eil ùine aig pàrantan a bhith a' leughadh le an cuid chloinne, ach chan ann am fearrad a tha an suidheachadh sin a' dol, saoilidh Màiri, agus cha bheag an èiginn.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol nas miosa, agus mar as motha a tha clann a' cur seachad ùine air innealan, agus sinne a' tionndadh gu innealan airson clann a chumail sàmhach 's ann nas miosa a tha e a' dol," thuirt i.

"Mar a tha an rannsachadh seo a' sealltainn, tha seo a' toirt buaidh air na tha a' tachairt anns an sgoil, agus tha sin a' toirt buaidh air na thachras ann am beatha chloinne.

"Leughadh 'son tlachd - gu sònraichte pàrant a' leughadh le an cuid chloinne - 's e an rud as cudromaiche a bharrachd air biadh agus aodach a nì thu dhaibh."

Seann leabhraichean air sgeilfTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Saoil dè tha a' feitheamh eadar na duilleagan seo?

Taingeil 's gu bheil mi airson a' bhìdh agus an aodaich - dà chleachdadh nach do chrìon thar ùine - tha mi fhathast fada an comainn Noddy agus Three Billy Goats Gruff.

Fiù 's nach do leugh m' athair rium cuid de na nobhailean aig John Buchan ri oir mo leapa, 's mo mhàthair gam fhàgail san dorchadas le ìomhaighean on Odyssey a' cuairteachadh nam cheann. Taing 'son sin mam.

Dh'innis mi do m' athair uair, 's mi gu math òg "tha mi airson a bhith ri sgrìobhadh".

'O', ars esan, 'feumaidh tu leughadh ionnsachadh mus dèan thu sgrìobhadh'. 'S e an fhìrinn a bh' aige.

Tha mi a' cur romham barrachd leabhraichean a leughadh.

Mar as sine a dh'fhàsas mi, 's ann as motha a tha mi a' mothachadh gu bheil cuid de rudan a tha gam fhàgail diombach, mar as trice air an fhòn agam.

Tha na rudan nach eil a' dèanamh sin orm am falach eadar duilleagan, a' feitheamh boillsgeadh goirid de sholas a chleachdas iad airson dealbhan brèagha a pheantadh nam cheann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo