Tha piseach air tighinn air seirbheis Tagsa Uibhist a tha a-nis "math"

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh gun tàinig piseach air seirbheis a tha a' cumail taice ri daoine nan dachaighean ann an Uibhist.
Bha aithisg a rinneadh an dèidh sgrùdaidh air Tagsa Uibhist sa Ghearran air ceithir roinnean a mheas mar "math gu leòr". B' iad sin:
taic sunnd
ceannas
sgioba an luchd-obrach
planadh cùraim
Chaidh iarraidh air a' bhuidhinn còig leasachaidhean a chur an sàs:
làimhseachadh chungaidhean-leighis
planadh cùraim
barantas inbhe a' chùraim
trèanadh luchd-obrach
comasachd
Cha deach na h-iarrtasan uile a choileanadh an dèidh dà sgrùdadh eile gun rabhadh sa Chèitean agus san Iuchar.
Stiùidio teiripe-ealain ùr do mhuinntir Uibhist
- Air fhoillseachadh29 An Giblean
Adhartas aig Dachaigh-Cùraim an t-Òib
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean
Ge-tà, an dèidh dhaibh tilleadh gun innse ro làimh o chionn ghoirid, mheas luchd-sgrùdaidh gun robh na ceithir roinnean a-nis aig ìre "math", agus gun deach na còig iarrtasan aca a choileanadh.
Tha an aithisg as ùire, taobh a-muigh aig Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim a' ciallachadh gu bheil barrachd neartan na laigsean aig Tagsa Uibhist.
Thuirt luchd-sgrùdaidh gu bheil luchd-cleachdaidh na seirbheis a' faighinn cùraim bho luchd-obrach a b' aithne dhaibh gu math.
Rinn iad moladh air "ceannardan aig an robh smachd air gach roinn den t-seirbheis", agus thuirt an luchd-obrach gun d' fhuair iad taic a bharrachd bho mhanaidsearan.