Stiùidio teiripe-ealain ùr do Bheinn na Faoghla

Tha Tagsa Uibhist a' cumail taic ri daoine eadar Èireisgeigh agus Beàrnaraigh
- Air fhoillseachadh
Tha an carthannas coimhearsnachd Tagsa Uibhist, taobh a-muigh (TU) air cead fhaighinn stiùidio teiripe-ealain a stèideachadh gus cur ris na seirbheisean slàinte-inntinn agus sunnd aca do dhaoine eadar Èireisgeigh agus Beàrnaraigh.
Thug Comhairle nan Eilean Siar cead don ghoireas ùr ann am Beinn nam Faoghla.
Thuirt Manadsair Seirbheis Slàinte-Inntinn agus Sunnd TU, Catriona NicAonghais, gum biodh e na "ghoireas airson ath-shlànachaidh, dàimhean agus seasmachd sa choimhearsnachd".
Thuirt i: "Tha fios againn gu bheil an t-iarrtas airson taic le slàinte-inntinn an Uibhist a' sìor fhàs, ach chan eil na tha de dh'àitichean a' coinneachadh ris an sin.
"Thàinig leudachadh mòr air an t-seirbheis Slàinte-Inntinn agus Sunnd againn agus tha i a-nis a' cuideachadh inbheach, chloinne, dhaoine òga, phàrantan, dhaoine le seargadh-inntinn, luchd-cùraim agus dhaoine a tha a' fulang aonaranachd."
Seirbheis taic ùr an Uibhist
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2022
Cuideachadh coimhearsnachd an Uibhist
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2020
Bidh an stiùidio ann an gàrradh coimhearsnachd na buidhne aig a' phrìomh làraich aca aig a' Champa an Ear ann am Baile a' Mhanaich.
Thuirt Àrd-oifigear na buidhne, Chris MacLullaich, gur e "leasachadh air leth cudromach do Thagsa Uibhist agus dha na daoine ris a bheil sinn a' cumail taic air feadh Uibhist".
Fhuair am pròiseact £15k bho NHS nan Eilean Siar sa Mhart airson leigeil leotha an togalach sam bi an stiùidio a cheannach.
Tha iad cuideachd air granta £10,000 fhaighinn bho Chaidreachas nan Clothworkers airson an talamh timcheall air an togalach a leasachadh.