Uachtarán na hÉireann air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

Thug Uachtarán na hÉireann, Catherine Connolly, òraid seachad aig an t-Sabhal Mhòr
- Air fhoillseachadh
Thuirt Uachtarán na hÉireann gu bheil i air a brosnachadh leis mar a tha ùidh à' fàs san dà chuid Gàidhlig agus Gaeilge is i a' toirt seachad òraid aig Sabhal Mòr Ostaig Disathairne.
Thug Catherine Connolly òraid seachad aig a' cholaiste agus Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilean, a’ bruidhinn gus cùisean a thoirt gu crìch.
Thuirt an t-Uachtarán gu bheil ceanglaichean làidir air a bhith ann eadar Gàidheil na h-Éireann is na h-Alba ann thairis air na linntean.
Thog i air mar thàinig luchd-poileataigs Èireannach mar Mhìcheal Davitt is Douglas Hyde a dh'Alba aig deireadh na 19mh Linn is toiseach na 20mh Linn, is bha iomradh aice air Màiri Mhòr nan Òran agus Stri an Fhearainn ann an Alba.
Thuirt Catherine Connolly gu bheil i an dòchas gum fàs e nas fhasa do phàrantan ann an Alba foghlam agus curam-cloinne tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn.
Tha dleasdanas air nan gnothaichean sin air Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilean, a bha cuideachd an làthair.

Thadhal Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilein, air Sabhal Mòr Ostaig Disathairne
Thuirt Ms NicAilein gu bheil ceanglaichean domhain eachdraidheil 's cultarail eadar Alba agus Èirinn agus gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' miannachadh na dàimhean sin a neartachadh.
"Tha sinn ag iarraidh barrachd co-obrachaidh anns na roinnean cudromach leithid foghlam, cultair agus malairt - a tha a' saoibhreachadh àr dùthchannan agus a' toirt chothroman do dhaoine.
"Agus chan eil àite ann coltach ri Sabhal Mòr Ostaig airson na ceanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhealach a chomharrachadh.
"Tha Alba air a bhith a' brosnachadh dhaoine gus a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, gu h-àraid ginealaichean òga - agus 's urrainn dhuinn an t-uamhas ionnsachadh bho ar nàbaidhean an Èirinn a thaobh ath-bheòthachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd."
"Gàidhealtachd Mhòr"
Thuirt prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, Gillian Rothach, gur e là "iongantach agus eachdraidheil" a bh' ann dhan cholaiste.
"Tha e cho math a bhith còmhla ris na h-Èireannaich - tha iad cho coltach rinn is gu h-àraidh a thaobh a' chànain is a' chultair," thuirt i.
"Fiù 's an tuigse gu bheil sinn a' buntainn ri seòrsa de "Ghàidhealtachd Mhòr" eadar Contae Chiarraí is Dùthaich MhicAoidh.
"Cluinnidh tu an aon seòrsa cànain, chì thu an aon seòrsa cultair agus an aon fhaireachdainn anns na daoine."
Taic do cheòl traidiseanta bho Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal
Duais dhan t-Sabhal Mhòr airson na rinn iad gus baile ùr a stèidheachadh
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean
Sgeama taigheadais ùr na Cille Bige ga fosgladh gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh20 An t-Sultain 2024
"Gun an cothrom seo sa Chill Bhig cha bhiodh e comasach dhomh gluasad dhachaigh"
- Air fhoillseachadh6 An Gearran 2025
Bha Makar na h-Alba, Pàdruig MacAoidh, cuideachd an làthair Disathairne airson pìos a leughadh agus bha ceòl beò ann bho Julie Fowlis agus Eamon Doorley.
Fhad 's a bha iad aig an t-Sabhal, choinnich Ms Connolly agus Ms NicAilein ri luchd-obrach 's oileanaich na colaiste agus ghabh iad cuairt timcheall baile na Cille Bige, faisg air làimhe.
Chaidh am baile ùr a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh-togail ionadail aig Seumas MacCuinn.