Naidheachdan 10:00m

Seirbheisean Adhair

Tha trioblaid theicnigeach a' cur chlàran-ama sheirbheisean adhair air feadh Alba, cheann a tuath Shasainn agus Èireann a Tuath trullainn. Thuirt Seirbheis Nàiseanta na Trafaig Adhair gu bheil luchd-einnsinnìridh a' dèiligeadh ris an trioblaid, agus nach eil ceangal aige ri trioblaid eile na bu thràithe den mhìos a dh'fhàg còrr is dà mhìle seirbheis air an cur dheth. Dh'iarr Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean air luchd-siubhail fios fhaighinn bho na companaidhean adhair aca ma tha iad am beachd siubhal an-diugh.

Oilthigh Dhùn Dè

Tha òraidichean aig Oilthigh Dhùn Dè a' tòiseachadh air stailc an-diugh a mhaireas còig seachdainean. Tha Aonadh an UCU a' gearain air cunnart gun caill daoine obair an aghaidh an toil. Cha tèid òraidean, no seiminear sam bith air adhart am measg bhall an aonaidh gu an dèidh an 23mh là den Dàmhair.

Teintean Fiadhaich

Tha plana ùr coileanta a dhìth airson dèiligeadh ri teintean fiadhaich sa Mhonadh Ruadh ro dheireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna air a' char as fhaide. Sin a dh'innis croitearan agus tuathanaich na sgìre do Mhinistear an Àiteachais, Jim Fairlie, agus iar-àrd-oifigear Seirbheis Smàlaidh na h-Alba, Kenny Barber, aig coinneimh phoblaich san Aghaidh Mhòir oidhche Haoine. Bha còrr air 300 duine an làthair aig a' choinneimh, a chuir Buidheann Chroitearan is Thuathanach a' Mhonaidh Ruaidh air dòigh an dèidh an teine mhòir san sgìre as t-samhradh am-bliadhna.

A' Ghearmailt

Gheall Seansalair na Gearmailt, Friedrich Merz, fuireach na dhreuchd, a dh'aindeoin 's mar a dh'fhuiling am partaidh aige, an CDU, call mòr eile ann an taghaidean roinneil san dùthaich. Tha coltas ann nach bi riochdachadh sam bith aig a' phartaidh ann an aon stàit. Dh'aidich Mgr Merz gur e "mòr-thubaist" a bh' anns na toraidhean aca ann am Mecklenburg-Vorpommern, far a bheil an CDU air tuiteam fo 5%. Chaill am partaidh gu dona cuideachd ann an taghaidhean ann am Berlin.

Eileanan Earra-Ghàidheal

Tòisichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid conaltradh poblach an-diugh air planaichean airson smachd a chur air màl ghoirid ann an cuid de dh'eileanan na sgìre. Fo na planaichean dh'fheumte cead-dealbhachaidh airson cleachdadh thogalaichean còmhnaidh atharrachadh airson an leigeil a-mach air màl ghoirid air leithid Airbnb. Bheireadh seo buaidh air Muile is Eilean Ì, Colla is Tiriodh, Ìle, Diùra, Colbhasa agus eileanan Latharna. Thuirt a' Chomhairle gu bheil àireamh mhòr de dh'àitichean-fuirich air màl ghoirid anns na h-eileanan seo, agus gu bheil a' toirt droch bhuaidh air na tha ri fhaotainn de thaighean do mhuinntir an àite.

HIV

Agus foillsichidh Riaghaltas na h-Alba plana gnìomha ùr HIV 's iad ag amas air stad a chur air a bhìoras a bhith air a thoirt seachad idir san dùthaich ro 2030. A' bruidhinn air thoiseach air àrd-choinneimh air slàinte feiseil agus bhìorasan fala, thuirt Minstear na Slàinte Poblaich, Maree Todd, gun togadh am plana ùr air adhartas mòr a rinneadh mar-thà an aghaidh HIV ann an Alba.