Leasachadh £8.25m aig Ionad Muinntir Innse Gall air tòiseachadh

Còignear - triuìr fhear agus dithis bhoireannach - nan seasamh air feur uaine. Tha fear ann le uidheam a tha ga chuideachadh le a choiseachd agus tha greim aige agus aig boireannach air làmh spaid a tha san talamh. Tha clogaidean geala agus peiteanan buidhe air a h-uile duine. Tùs an deilbh, MUINNTIR INNSE GALL
Fo-thiotal an deilbh,

Buill Bhòrd Urras Dualchais an Taobh Tuath: (bhon chlì) Anndra Fletcher, Coinneach MacLeòid, Bill Lawson, Màiri NicCuthais agus Rebecca Hutton

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cuirm a chumail aig Ionad-tadhail Muinntir Innse Gall san Taobh Tuath a' comharrachadh toiseach a' phròiseict leasachaidh aca luach £8.25m.

Fhuair Bill Lawson, a stèidhich an tasglann sloinntearachd, taobh a-muigh, an t-urram a' chiad cheap a ghearradh.

Bidh an obair leasachaidh a' ciallachadh gum bi an cruinneachadh stèidhichte air beul-aithris agus clàraidhean sgrìobhte air a ghlèidheadh airson nan ginealaichean ri thighinn.

Bidh rùmannan taisbeanaidh a bharrachd ann, goireasan rannsachaidh nas fheàrr agus cafaidh don luchd-tadhail a thig bho air feadh an t-saoghail.

Chaidh an t-ionad fhosgladh le Bill Lawson agus a bhean, Chrissie, ann an 2000.

Tha e an-diugh air a ruith le Urras Dualchais an Taobh Tuath.

'S ann bho cheithir diofar luchd-maoineachaidh a thàinig am maoineachadh airson a leasachadh:

  • £4.34m bho Aonta Fàs nan Eilean

  • £1.85m bho Mhaoin Chalpa an Ath-bheòthachaidh

  • £1.21m bho Mhaoin Dhualchais a' Chrannchuir Nàiseanta

  • £850,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha dùil gum fosgail an t-ionad às ùr sa Ghiblean 2028.