A' Ghàidhlig na pàirt de Latha Leabhair na Cruinne 'son a' chiad uair

Leabhraichean Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Tha leabhraichean Gàidhlig gu bhith nam pàirt de Latha Leabhair na Cruinne an ath-bhliadhna airson a' chiad uair riamh.

Bidh an tachartas a' brosnachadh leughaidh am measg dhaoine òga, 's iad a' sgaoileadh leabhraichean air prìs £1 air feadh na dùthcha.

Tha 18 leabhraichean nam pàirt de thachartas na h-ath-bhliadhna air feadh na Rìoghachd Aonaichte - 13 sa Bheurla, trì sa Ghàidhlig, aonan anns a' Chuimris agus aonan anns a' Ghaeilge.

Tha seanair greannach aig cridhe sgeulachd "Grumpa agus na Nàbaidhean Ùra" le Ceitidh Hutton, a tha ga fhoillseachadh às ùr.

Chan eil e air a dhòigh mu na daoine ùra a th' air gluasad a-steach an ath-dhoras.

Chan eil Calum ge-tà, ag iarraidh ach cuideigin a chluicheas ball-coise leis.

Tha turas sgoile dhan Chaisteal Ghruamach a' fàs eagalach ann an riochd ùr de "Artair sa Chaisteal" le Mòrag Anna NicNèill. Saoil an tàrr e às le a bheatha?

Chan eil Lucy NicNèill ach ag iarraidh cèic shònraichte a dhèanamh dhan chlas-sgoile aice - ach 's ann a bheir an reasabaidh rùn-dìomhair teaghlaich am bàrr, agus cùis-iongnaidh ris nach robh i idir an dùil.

Adhbhar Moit Mhòr

Tha na leabhraichean gam foillseachadh le Acair agus Dealan-Dè, agus bidh iad rim faighinn ann am bùithdean leabhar air feadh na h-Alba eadar an Gearran agus am Màrt an ath-bhliadhna, le Latha Leabhair na Cruinne fhèin ann air a' 4mh là den Mhàrt.

Thuirt a' chompanaidh foillseachaidh Acair, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, gur e "adhbhar moit mhòr" a th' ann dhà de na leabhraichean cloinne aca a bhith mar phàirt den iomairt.

Chaidh na leabhraichean a chur an lùib na sgeama le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.

"Tha sinn air leth toilichte co-obrachadh a dhèanamh le muinntir Latha Leabhair na Cruinne gus an iomairt nàiseanta seo a chur an cèill," thuirt Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, Alison Laing.

"Tha e cudromach gum faigh clann air feadh na dùthcha cothrom grèim fhaighinn air leabhraichean snasail sgrìobhte bho thùs sa chànan."

Thèid Latha Leabhair na Cruinne a chumail air a' 4mh là den Mhàrt 2027.