Planaichean airson 200 taigh ùr ann an Ceasag a Tuath

Dealbh de dhrochaid Cheasag agus Ceasag a TuathTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha timcheall air 1,300 duine a' fuireach ann an Ceasag a Tuath

  • Air fhoillseachadh

Chaidh planaichean a chur air adhart gus timcheall air 200 taigh ùr a thogail ann an Ceasag a Tuath.

Tha a' bhuidheann Tulloch Homes ag amas air na taighean a thogail aig fearann ann an taobh an iar a' bhaile aig Tuathanas Bellfield.

Tha iad ag ràdh gu bheil am pròiseact aca, taobh a-muigh, anns am bi taighean aig prìs reusanta agus taighean prìobhaideach, mar fhreagairt air na dùbhlain taigheadais a tha ron Ghàidhealtachd.

Làrach an leasachaidhTùs an deilbh, Google/Comhairle na Gàidhealtachd

Bho chionn dà bhliadhna, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil 24,000 taigh a dhìth thairis air an ath dheich bliadhna gus beàrn ann an taighean aig prìs reusanta a lìonadh.

Thuirt stiùiriche Tulloch Homes, Kieran Greumach, gu bheil a' chompanaidh air sealltainn gum bi iad a' lìbhrigeadh leasachaidean a tha a' toirt buannachd do na coimhearsnachdan far a bheil iad gan togail.

Thuirt e gu bheil iad a' dèanamh fiughair ri a bhith ag obair le muinntir na sgìre, agus gum bi fàilte air beachdan bhuapa ann a bhith a' toirt nam planaichean air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo