Dh'iarr post-d mealltach air euslainteach dealbhan dhiubh fhèin a chur an dèidh sgrìonadh chìochan

Taobh a-muigh ospadail, Ospadal nan Eilean Siar. le doras dearg. Tha sròn bhana gheal aig aghaidh an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh prìobhaideachd euslainteach "fìor chudromach" dhaibh

  • Air fhoillseachadh

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gun d' fhuair euslainteach post-d mealltach ag iarraidh orra dealbhan agus bhideothan dhiubh fhèin a chur an dèidh dhaibh sgrìonadh chìochan fhaighinn.

Thuirt am bòrd-slàinte gun robh an neach a chuir an t-iarrtas a' cumail a-mach gun robh iad ag obair don NHS agus gun robh na h-ìomhaighean a dhìth airson measadh a dhèanamh orra.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh prìobhaideachd euslainteach agus tèarainteachd fiosrachaidh "fìor chudromach" dhaibh.

Thuirt neach-labhairt gun robh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na thachair agus dh'iarr iad air euslaintich a bhith air am faiceall ma gheibh iad puist-d mar seo.

Thuirt NHS nan Eilean Siar nach ann bho sheòladh puist-d an NHS a thàinig an teachdaireachd.

Thuirt an neach-labhairt: "Tha NHS nan Eilean Siar airson dearbhadh dhan phoball nach bi seirbheisean sgrìonaidh chìochan a' conaltradh le euslaintich tro phuist-d phearsanta neo feadhainn nach buin don NHS.

"Faodaidh euslaintich litir neo fios air a' fòn fhaighinn mu choinneamhan sgrìonaidh chìochan, toraidhean sgrìonaidh, neo mu choinneamh an dèidh sgrìonaidh, ach chan iarradh luchd-obrach NHS orra dealbhan neo bhideothan a chur thuca tro phost-d."

Thuirt iad: "Ma tha sibh den bheachd gun do chuir sibh fiosrachadh neo dealbhan pearsanta mar thoradh air cleas-mheallaidh, bu chòir dhuibh fios a chur gu Poilaes Alba air 101 far am faigh sibh taic agus comhairle."