Tùr Eachann nan Cath air fosgladh às ùr

Tùr Cuimhneachaidh Sir Eachainn MhicDhòmhnaillTùs an deilbh, CRAIG WALLACE/GEOGRAPH
LeCalum MacLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àInbhir Pheofharain
  • Air fhoillseachadh

Chaidh tùr cuimhneachaidh Sir Eachainn MhicDhòmhnaill - "Eachann nan Cath" - ann an Inbhir Pheofharain fhosgladh gu h-oifigeil don phoball an dèidh a bhith dùinte fad iomadh bliadhna.

Bha feum air obair mhòr structarail air an tùr, a tha clàraichte aig Ìre B.

Na sheasamh air mullach Chnoc Mhidseil os cionn a' bhaile, tha an tùr 100 troigh de dh'àirde, agus chaidh a thogail ann an 1907 le airgead a thog muinntir thaobh sear Rois an dèidh bàs Sir Eachainn ann an 1903.

Bha Eachann, mac croiteir às an Eilean Dubh, air èirigh tro na rangannan ann an Arm Bhreatainn gu inbhe Mhèidsear Sheanalair air sgàth a chomasan a-mhàin, aig àm nuair nach tachradh a leithid ach uair ainneamh ri linn siostam clas na dùthcha.

Bha e air a dhèanamh na rìdire, agus an dèidh ainm, bha litrichean - KCB, DSC, ADC - ri linn nan urraman a chaidh a bhuileachadh air. A thuilleadh air sin, bha a' Ghàidhlig aige.

Bha e air leth ainmeil na là, a' cosnadh an fhar-ainm aige "Eachann nan Cath" airson a threuntachd ri uchd a' bhlàir aig blàran leithid Omdurman ann an 1898.

Chuir Eachann, a bha pòsta is mac aige, (rud nach robh na eòlas phoblach aig an àm) làmh na bheatha fhèin ann an taigh-òsta ann am Paris an dèidh mar a nochd sgainneal sna pàipearan mu e fhèin a bhith ri feise le deugairean fireann ann an Ceylon (Sri Lanka an-diugh).

Leac shnaighte am broinn an tùir agus dealbh de dh'Eachann nan Cath ri thaobh
Fo-thiotal an deilbh,

Cha robh muinntir na sgìre idir a' creidsinn nan casaidean a chaidh a thogail na aghaidh

Tha beachd ann - agus cha deach na casaidean riamh a dhearbhadh - gun deach sin a chur às a leth ri linn snobaireachd san arm mu Eachann, 's mar nach buineadh e do na h-urracha mòra.

Sgainneal ann no às, bha muinntir na sgìre aige fhèin air leth moiteil às a' bhalach a dh'èirich à croit air a' Mhaol Bhuidhe gu àirde Arm Bhreatainn a dh'aindeoin gach dùbhlain.

Thog iad an tùr na chuimhne air làrach a chìthear bho fhada is farsainn.

Bha an sgeulachd air a bhith caran eadar-dhealaichte san là an-diugh, 's dòcha, a rèir an Oll Sìm Innes à Oilthigh Ghlaschu, a tha ag obair air leabhar a tha a' coimhead ri mar a chaidh Eachann a chuimhneachadh aig an àm.

"'S e figear rudeigin connspaideach a th' ann fhathast," thuirt e.

"Ann an sgoilearachd acadaimigeach a chaidh a sgrìobhadh anns na bliadhnaichean às dèidh làimh tha cuid a' cumail a-mach nach eil mòran brìgh sam bith anns na casaidean.

"Gun deach na casaidean sin a chur às a leth leis nach robh càch san arm, na h-urracha mòra mar a bha e fhèin - oir bha e na sheanalair - nach robh e coltach ri càch leis gur e croitear bochd bhon Ghàidhealtachd a bh' ann.

"Agus gun do chleachd an t-arm na casaidean sin airson faighinn cuidhteas cuideigin nach robh coltach ri càch.

"Niste, chanainn, anns an linn anns a bheil sinn beò, gu bheil daoine nas buailtiche a bhith a' creidsinn no a bhith a' toirt spèis do dhaoine a tha ag ràdh gun robh iad a' fulang ri linn eucoir mar a tha sin.

"Agus mar sin tha ceist ann tha fhios gu dè an ìre a bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh gàirdeachais mu chuideigin far a bheil casaidean mar sin na aghaidh."

Dealbh de shnaidheadh air cliathaich an tùir
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh iomadh urram a bhuileachadh air Eachann na là

Bha an tùr air a dhol ann an droch staid thar ùine, agus chaidh còrr air £300,000 a chosg ga chàradh, agus aig na clachairean ris an sgafall as àirde air Ghàidhealtachd aig an àm a thogail airson an obair a dhèanamh gu sàbhailte.

Chaidh ath-fhosgladh Diardaoin, leis an fhonn ainmeil Hector the Hero, a rinn J Scott Skinner, ga sheinn air a' phìob.

Bha am pròiseact na cho-obrachadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd, a' chomhairle choimhearsnachd agus companaidh leasachaidh coimhearsnachd Inbhir Pheofharain.

Bha e na choileanadh air iomairt a mhair naoi bliadhna airson an tùr ath-fhosgladh.

Dealbh de dh'Eachann nan Cath san èideadh sheirbheis aige

A-niste, às dèidh a bhith a' dìreadh 127 staidhre, gheibhear seallaidhean iongantach den sgrìre mun cuairt.

Chan fhaighear sin a h-uile là san t-seachdain ge-tà, agus gun ach àireamh bheag de dhaoine saor-thoileach an urra ris an tùr a ruith.

"Aig an ìre seo tha sinn a' coimhead ri 's dòcha dà sheisean san t-seachdain - 's dòcha feasgar - ach bidh sin a' crochadh air na gheibh sinn de shaor-thoilich," thuirt rùnaire na comhairle coimhearsnachd - a tha an urra ri daoine a thoirt timcheall an togalaich - Nigel Greenwood.

Thathas ag iarraidh air daoine parcadh sa bhaile agus coiseachd suas chun an tùir ma 's urrainn, leis gu bheil parcadh aig an làraich fhèin gann.

Tha a' chomhairle choimhearsnachd cuideachd ag obair an-dràsta air siostam bucaidh air-loidhne do dhaoine a tha 'son tadhal air an tùr.