Fear a mhuirt a mhàthair gu bhith ga chumail an Carstairs

- Air fhoillseachadh
Thèid fear a mharbh a mhàthair ann an Inbhir Nis a chumail fo chùram ann an ospadal leighis-inntinn na stàite.
Shàth Tòmas Friseal a mhàthair Miriam NicDhòmhnaill, 52, na h-amhaich fhad 's a bha i air a' fòn gu 999 air an 1mh là den Ògmhios an-uiridh.
Bha i air fònadh gu na poilis a dh'innse dhaibh gun robh a mac air athair a shàthadh.
Bha Friseal, 31, roimhe air puinnsean a chur ann an cnogan sùgh a bha athair, Iain Dòmhnallach, 55, air a bhith ag òl.
Mhaoidh e an uair sin air athair mus do theich e à dachaigh an teaghlaich ann an Inbhir Nis, an dèidh do nàbaidhean tighinn a-steach feuch an cupall a chuideachadh.
Bhàsaich a mhàthair san ospadal.
Chaidh Friseal a lorg an dèidh làimh leis na poilis, ris an tuirt e sreath de rudan iomagaineach leithid "I am Lucifer".
Thèid fear à Inbhir Nis a mharbh a mhàthair a chumail ann an Carstairs
- Air fhoillseachadh28 An Giblean
Nochd e mu choinneimh na h-Àrd-Chùirte ann an Glaschu fo chasaid muirt agus oidhirp air murt, ach chaidh fhaighinn neo-chiontach an dèidh do luchd-casaid gabhail ris gun robh e a' fulang schizophrenia aig an àm.
Ach chuir am Britheamh, am Morair Mulholland, òrdugh co-èigneachaidh air, fo am bi Friseal ga chumail fo chùram aig ospadal leighis-inntinn na stàite.
Chuala a' chùirt gun robh Friseal den bheachd gun robh e mar fhiachadh air daoine "a bha an grèim aig an Diabhal a mharbhadh".
A' cur an òrdugh air Friseal, thuirt am Morair Mulholand: "Tha e a chùm do mhaith fhèin, agus maith a' phobaill gun tèid do chumail san ospadal air sgàth do thinneas inntinn.
"Chan eil guth agad an sin. Bidh thu ann an ospadal na stàite airson cùraim. Tha òrdugh smachdachaidh ort a tha gad chasg bho do shaoradh airson do shàbhailteachd fhèin agus sàbhailteachd a' phobaill."