Naidheachdan 10:00m

Cosnadh

Thuirt fear a rinn ath-sgrùdadh air mar a ghabhas barrachd dhaoine fhaighinn a-steach a dh'obair gur e a bhith a' faighinn smachd air tinneasan maireannach an dòigh as fheàrr airson an eaconamaidh a bhrosnachadh. Dh'innis Sir Charlie Mayfield dhan BhBC gu bheil cha mhòr trì millean inbheach ann am Breatainn nach eil ag obair air sàilleibh tinneis no ciorramachd, agus gu bheil seo ag adhbharachadh call de £212bn dhan Rìoghachd Aonaichte gach bliadhna.

UN

Tha seisean èiginneach ga chumail aig Comhairle Còirichean Daonna an UN an-dràsta is coltas ann gu bheil reubaltaich deiseil airson ionnsaigh a thoirt air baile ann an Sudan. Tha eagal ann 's gun tachair an aon rud ann an El Obeid 's a thachair ann an El Fasher an-uiridh, nuair a chaidh na deicheadan mhìltean de shìobhaltaich a mhurt no a chur gu bàs le feachdan an Rapid Support Force.

Ionnsaighean feiseil

Dh'fhoillsich Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir gu bheil iad a' sgrùdadh lìonraidhean air-loidhne de dh'fhireannaich a tha a' toirt ionnsaighean feiseil air boireannaich, a tha iad air drugachadh. Tha an NCA ag ràdh gu bheil ceithir deug lìonraidhean fa-leth dhan rannsachadh leotha an-dràsta ann am Breatainn agus thall thairis. Thuirt iad gu bheil na poilis air co-dhiù ochdnar fhireannach a chur an grèim anns an Rìoghachd Aonaichte.

Acadamaidh na Bruaich

Chaidh dragh a thogail mu fhòirneart agus ionnsaigheachd am measg sgoilearan aig Acadamaidh na Bruaich ann an Siorrachd Obar Dheathain. Fhuair rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Unison gun robh an treas cuid de luchd-obrach taice air ionnsaighean fhulang anns a' bhliadhna a dh'fhalbh. Tha an t-aonadh ag ràdh gun robh cuid de na h-ionnsaighean cho dona 's gum b' fheudar luchd-obrach a chur dhan ospadal. Thuirt Comhairle Siorrachd Obar Dheathain gu bheil plana ann airson comataidh sàbhailteachd a stèidheachadh anns an sgoil às dèidh làithean-saora an t-samhraidh.

Foirgheall

Chaidh leth-bhreac de dh'Fhoirgheall Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte a lorg anns an tasglann nàiseanta ann an Kew ann an Sasainn. Chaidh a chlò-bhualadh o chionn 250 bliadhna ann an New Hampshire, agus tha e am measg dìreach aon deug de na tha fhathast buan. Chaidh a lorg am measg pasgan phàipearan a chaidh a chur an grèim leis a' Chabhlach Rìoghail fhad 's a bha an cogadh eadar Breatainn agus Ameireaga fhathast a' leantainn.

Foill

Agus thàinig brath bho oifigearan inbhe malairt anns a' Chuimrigh gu bheil iad air lorg fhaighinn air foill luach £6m co-cheangailte ris an fheòil a tha a' dol ann an kebabs. Tha iad ag ràdh gu bheil na milleanan Bhreatannaich air kebabs ithe, agus tha iad a' smaointinn gur e feòil uan a bh' annta, ach gun robh iad air an lìonadh le craiceann, geir agus bìdeagan gobhair. Chaidh càin £500,000 a chur air Kismet Kebabs Earranta, a tha a' creic feòil kebab ri gnothachasan air feadh na rìoghachd.