Thèid fear à Inbhir Nis a mharbh a mhàthair a chumail ann an Carstairs

Nochd Tòmas Friseal, 31, san Àrd-chùirt ann an Glaschu bho Ospadal Stàite Charstairs
- Air fhoillseachadh
Chuala cùirt gun do mharbh fear à Inbhir Nis a mhàthair fhad 's a bha i ag innse do na poilis gun do dh'fheuch e ri athair a phuinnseanachadh.
Nochd Tòmas Friseal, 31, san Àrd-chùirt ann an Glaschu Dimàirt.
Bhathar a' cur às a leth gun do shàth e Miriam Dhòmhnallach, 52, na h-amhaich an dèidh dhi gairm 999 a dhèanamh dha na poils air a' 1d den Ògmhios 2025.
Ron sin, bha Friseal air stuth a chur ann an cana sùgh a bha athair Iain Dòmhnallach, 55, air a bhith ag òl.
Thug Friseal ionnsaigh air Mgr Dòmhnallach le sgithinn mus do theich e bho dhachaigh an teaghlaich ann an Inbhir Nis an dèidh mar a fheuch nàbaidhean ris a' chàraid a chuideachadh.
Chaochail a' Bh. Ph. Dhòmhnallach san ospadal.
Nuair a ghlac na poilis a mac thuirt e grunn rudan buaireasach, nam measg: "'S mise Lucifer".
Bha Friseal fo chasaidean muirt agus oidhirp air murt nuair a nochd e sa chùirt.
Chaidh fhaighinn neo-chiontach ge-tà agus luchd-casaid air gabhail ris gun robh e a' fulang tinneas slàinte-inntinn aig an àm.

Chaidh na casaidean muirt agus oidhirp air murt a leigeal seachad agus luchd-casaid a' gabhail ris gun robh Tòmas a' fulang tinneas slàinte-inntinn
Chuala a' chùirt gun do ghluais Friseal air ais gu taigh a phàrantan sa Mhàrt 2023 à Oilthigh Heriot Watt an Dùn Èideann far an robh e a' dèanamh PhD ann an innleadaireachd eileagtronaigeach.
Bha e a' strì le a shlàinte-inntinn ann agus chaidh e na "ònaran" nuair a thill e a dh'Inbhir Nis.
Chaidh a cheasnachadh le a phàrantan beagan làithean mus tug e ionnsaigh orra agus iad an amharas gun robh e air a bhith a' cur stuth ann an inneal-cofaidh athar.
Chaidh e às àicheadh gun do rinn e càil de leithid.
Air là nan ionnsaighean, fhuair athair Fhriseil gun robh blas neònach air an t-sùgh a bha e ag òl à cana.
A-rithist, chaidh Friseal às àicheadh gun do chuir e càil ann.
A dh'aindeoin sin, dh'fhòn a mhàthair dha na poilis agus dragh oirre gun robh Friseal air fheuchainn ri athair a phuinnseanachadh.
'S ann an uairsin a thug Friseal ionnsaigh sgeine air athair an toiseach, ga shàthadh na ghàirdean agus na bhroilleach mus d' fhuair e air teicheadh a-mach dhan ghàrradh.
Thuirt an neach-casaid Graeme Jessop KC dhan chùirt gun do thionndaidh Friseal an uairsin air a mhàthair a bha fhathast a' bruidhinn ris na poilis air a' fòn.
Chaidh a sàthadh grunn thursan mu a h-amhaich
Thàinig dà nàbaidh airson cobhair a dhèanamh air a' chàraid le caman goilf agus spaid airson ruaig a chur air Friseal.
"Tha rudeigin air a dhol fada ceàrr"
Chuala a' chùirt gun do bhàsaich a' Bh.Ph. Dhòmhnallach an ath-là.
Chaidh Mgr Dòmhnallach a leòn mun bhroilleach, ghàirdean agus làmhan. Tha e fhathast a' fulang an dèidh na thachair, chuala a' chùirt.
Nuair a chaidh Friseal a chur an grèim an oidhche an dèidh na h-ionnsaigh dh'aidich e do na poilis gun do dh'fheuch e ri a phàrantan a mharbhadh agus ri athair a phuinnseanachadh.
Chuala a' chùirt gun robh fianais de "stuth-gealachaidh" agus paracetamol air bile a' chana sùgh.
Nochd Friseal sa chùirt bho Ospadal Stàite Charstairs.
Tha lighichean-inntinn air co-dhùnadh gun robh Friseal le tinneas slàinte-inntinn aig an àm agus "nach robh e a' tuigsinn gun robh na rinn e ceàrr".
Thuirt fear-dìon Fhriseil, Dòmhnall Findlay KC: "'S e fear gu math comasach a th' ann le dreuchd mhath roimhe ann an seirbheis an riaghaltais an obair ràdair agus rannsachaidh de gach seòrsa.
"Ach, tha rudeigin air a dhol fada ceàrr."
Chuir am Morair Mulholland dàil air an èisteachd chun an Iuchair gus am bi aithisgean meidigeach deiseil agus fuirichidh Friseal ann an Carstairs airson cùraim san eadar-ama.
Tha a h-uile coltas ann gum faodadh gum bi e fo òrdugh a chumail ann gun cheann-ùine.