Comhairliche air comataidh fhàgail is buaireadh mu chead draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a' leantainn

- Air fhoillseachadh
Tha fear de chomhairlichean Chomhairle na Gàidhealtachd, a bhòt airson leigeil le draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire a chead tagsaidh a ruith a chumail, air comataidh ceadachais an ùghdarrais ionadail fhàgail.
Thuirt An Comhairliche Lib Deamach, John Grafton, gu bheil e mothachail a-nis gur e an co-dhùnadh ceàrr a bh' ann agus thabhainn e leisgeul airson an tròimh-chèile a tha e air adhbharrachadh.
Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan a chur air Daibhidh Brown, 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air nighean, 18, san Dùbhlachd 2023.
An t-seachdain seo chaidh, bhòt Comataidh Ceadachais Comhairle na Gàidhealtachd gu prìobhaideach leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.
Sin an dèidh do bhall de theaghlach Bhrown nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a thoirt bhuaithe.
Bha Poileas Alba air cur na aghaidh.
Tha buidhneann chathrannais èigneachaidh air co-dhùnadh na comataidh a chàineadh.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid beachdachadh air aig làn choinneamh den chomhairle.
A rèir Seirbheis Èigneachaidh agus Droch-dhìol Feiseil na Gàidhealtachd (RASASH) tha an co-dhùnadh gun cead a thoirt bhuaithe a' toirt "teachdaireachd mhillteach" do bhoireannaich.
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Cumaidh draibhear tagsaidh a dh' èignich deugaire air Ghàidhealtachd a chead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Ann am brath, thuirt Mgr Grafton gun bhòt e leigeil le Brown a chead a chumail airson a theaghlach a dhìon.
Ach thuirt e le barrachd tuigse, agus fiosrachadh nach robh ri fhaotainn air an latha, gum b' urrainnear a bhith air co-dhùnadh eile a ruighinn.
A rèir Mhgr Grafton, dh' fhaighnich e do dh'oifigearan am biodh buaidh sam bith ann a thaobh an lagh mu thimcheall cead Brown.
Thuirt e cuideachd gun do dh'innis e dha fhèin nach eil e na chunnart do dhaoine eile aig an àm seo agus gun teirgeadh an cead mus tèid a shaoradh.
"Chaidh innse dhuinn grunn thursan nach eil sinne mar chomataidh an seo airson daoine a pheanasachadh. Tha sin an urra ris na cùirtean."
Cha robh e furasta do Ghrafton an comataidh fhàgail thuirt e, ag ràdh cuideachd gun robh e air a bhith le dìth caidil a' smaoineachadh mu dheidhinn.
Tha cead tagsaidh a ruith a' gabhail a-steach carbad agus a leigeil leis a charbad sin a bhith air a dhraibheadh le cuideigin aig a bheil cead tagsaidh a dhraibheadh.
Chaidh cead draibhidh tagsaidh Brown a stad rè ùine san Fhaoilleach 2024.

Daibhidh Brown
Diciadain, thuirt Àrd-oifigear RASASH, Romy Rehfeld ris a' BhBC, gun toireadh co-dhùnadh na comtaidh buaidh air daoine a th' air droch-dhìol fheiseil fhulang.
"Tha boireannaich agus clann-nighean air a' Ghàidhealtachd airidh air faighinn a-mach carson nach deach èisteachd ri Poileas Alba," thuirt i cuideachd.
Thàinig càineadh bho thè de bhuill na Gàidhealtachd aig Holyrood, Maree Todd, cuideachd.
Thug Brown còmhdhail don bhoireannach, 18, an dèidh dhi a bhith air oidhche a-muigh an Inbhir Nis agus i airson a dhol air ais dhachaigh.
Chaidh e seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre.
Dh'fhàg e an uairsin a-muigh ann an Inbhir Pheofharain i san fhuachd fo ìre-reòthaidh.
Chaidh Brown às àicheadh na casaid gun dh'èignich e i ach chaidh fhaighinn ciontach sa Ghiblean.