Tùr Eachann nan Cath: maoineachadh air a dhearbhadh

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun cuir iad còrr air £160,000 ri pròiseact airson tùr os cionn Inbhir Pheofharain a chaidh a thogail an cuimhne shaighdeir ainmeil ionadail a chàradh 's fhosgladh don phoball às ùr.
B' e mac chroiteir a Maol Buidhe san Eilean Dubh a bh' anns a' Mhèidsear Sheanalair Sir Eachann MacDhòmhnaill - "Eachann nan Cath" mar a bh' aig daoine air - agus e air èirigh tro na rangannan gu àrd-dhreuchd ann an Arm Bhreatainn san 19mh Linn.
B' e rud a bha sin a bha gu math doirbh a dhèanamh aig an àm, agus chuir e an diomb air oifigearan eile.

Chuir Eachann làmh na bheatha fhèin ann an 1904 an dèidh mar a chaidh fathannan a sgaoileadh gun robh e air a bhith ri feise le fireannaich eile ann an Ceylon (Sri Lanka an-diugh). Dh'adhbharaich sin sgainneal, agus bha Eachann, a bha pòsta 's clann aige, an dùil gum feumadh e a dhol ro chùirt airm.
A dh'aindeoin an sgainneil, bha muinntir thaobh sear Siorrachd Rois air leth moiteil às, agus chruinnich iad airgead airson an tùr, a tha 100 troigh de dh'àirde, a thogail na chuimhne.
Tha a-niste Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain an dòchas sealbh a ghabhail air an tùr, aon uair 's gun tèid an obair-càraidh a chrìochnachadh, agus thèid fhosgladh don phoball.