Luchd-smàlaidh air an gairm gu teine faisg air gearastan eachdraidheil

Na poilis aig làrach teine taobh a-muigh Gearastan Dheòrsa Tùs an deilbh, PETER JOLLY/NORTHPIX
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich faisg air Àird nan Saor

  • Air fhoillseachadh

Tha seachd criuthaichean de luchd-smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh ri teine ann an togalach faisg air làrach airm air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba (SFRS) gun deach seachd carbadan, fear dhiubh le crann àrd, a chur dhan làraich taobh a-muigh crìoch an airm aig Gearastan Deòrsa, faisg air Àird nan Saor.

Chaidh an gearastan a stèidheacheadh san 18mh Linn agus tha e fhathast na thaigh-feachd, ged a 's e làrach thurasachd air a ruith le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba (HES) a th' ann am pàirt dheth.

Thuirt SFRS nach robh aithrisean ann gun deach duine a ghoirteachadh agus gun robh luchd-smàlaidh fhathast aig an làraich.

Chaidh fios a chur gu SFRS mun chùis aig mu 12:15f.

Thuirt HES, ris a bheil an togalach a chaidh na theine an urra, gun robh iad a' sgrùdadh feuch dè a dh'adhbhraich e agus dè cho dona 's a bha am milleadh.

Thuirt neach-labhairt: "Cha tug an teine buaidh air Gearastan Deòrsa faisg air làimh agus tha an làrach sin fosgailte mar as àbhaist.

"Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do na poilis, an luchd-smàladh agus an t-seirbheis ambaileans airson a bhith a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh cho luath."