Naidheachdan 11:00m
An Rìgh sna Stàitean Aonaichte
Tha dùil ris an Rìgh agus a' Bhanrigh ann an Washington an-diugh, aig toiseach turas stàite. Tha an turas a' dol air adhart, a dh'aindeoin mar a dh' fheuch fear le gunna ri ionnsaigh a dhèanamh aig dinneir far an robh an Ceann-suidhe Trump an làthair. Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun lean an turas agus tha an Taigh Geal a' gealltainn gum bi an Rìgh sàbhailte.
Fear-gunna
Tha dùil ri fear anns a' chùirt an-diugh, às dèidh mar a thachair aig an dinneir sin ann an Washington. Chaidh Cole Allen, aois 31, a chur an greim agus fo chasaid ionnsaigh a thoirt air oifigear feadaralach, agus gunna a chleachdadh ann an eucoir fhòirneartach.
Drònaichean na h-Ucràin
Tha ceannard feachdan dròn na h-Ucràin air innse dhan BhBC gu bheil iadsan gu mòr air a bhith le làmh aca ann a bhith a' cur maill air feachdan Ruiseanach bho adhartas a dhèanamh nan aghaidh anns na mìosan a chaidh seachad. Tha Robert Brovdi a' cumail a-mach gu bheil na feachdan aigesan gu cunbhalach a' marbhadh a cheart uiread de shaighdearan Ruiseanach 's a tha Moscow air chomas a chur dha na feachdan aca às ùr. Tha esan os cionn feachdan dròn san adhair, ach cuideachd le barrachd dhrònaichean gan cleachdadh air an talamh cuideachd.
Slàinte dhaoine
Tha rannsachadh ùr ag ràdh nach bu chòir do dhaoine san Rìoghachd Aonaichte a bhith a' sùileachadh ri bhith a' tighinn beò ann an deagh shlàinte cho fada 's a chleachd. Tha sgrùdadh a rinn Bunait na Slàinte ag innse gu bheil dà bhliadhna nas lugha de dheagh shlàinte air fàire gu cunbhalach aig daoine san Rìoghachd Aonaichte an taca ri mar a bha cùisean bho chionn deich bliadhna. Thuirt a' bhunait gu bheil slàinte dhaoine anns na h-àitichean as fheàrr dheth den dùthaich a' ciallachadh gu bheil iad beò fichead bliadhna nas fhaide na tha daoine a tha a' fuireach anns na sgìrean as bochda.
Tubaist rathaid am Pàislig
Tha rannsachadh a' leantainn as dèidh mar a chaill nighean a bha sia bliadhna de dh' aois a beatha as dèidh do charbad bualadh innte ann am Pàislig. Thachair sin air Sràid Johnson feasgar Disathairne. Chaidh nighean aois seachd bliadhna de dh' aois a thoirt don ospadal mus deach a leigeil a-mach. Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic mar a tha thachair no aig a bheil fiosrachadh sam bith fios a chur thuca.