Sglèat Luinn: "Cothrom a-rithist eaconomaidh an eilein a bhrosnachadh"

Eilean Luinn
  • Air fhoillseachadh

Tha linn ùr air fàire do na cuaraidhean sglèata ann an Eilean Luinn an Earra-Ghàidheal còrr air 60 bliadhna on dhùin iad.

Dhearbh Urras Coimhearsnachd Eilean Luinn gum fosgail na creagan às ùr an dèidh dhaibh companaidh fhastadh a nì an obair às an leth.

Fhuair a' bhuidheann còrr air £2m bho Riaghaltas na h-Alba agus bho HIE an-uiridh gus an gnìomhachas a chur air a chasan uair eile.

Tha Innes MacCuithein a tha a' fuireach an Eilean Luinn "an dòchas gun dèan seo diofar mòr don choimhearsnachd, gun tig piseach air eaconomaidh an eilein".

Thuirt e: "Tha cothrom ann obraichean a chruthachadh taobh a-staigh na coimhearsnachd againn airson a' chiad turas ann am bliadhnaichean an àite daoine a bhith a' siubhal far an eilein."

Innes MacCuithein
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Innes MacCuithein ag ràdh gun toir an leasachadh cothroman obrach do dh'eileanaich gun aca ris an t-eilean fhàgail

An-diugh chan eil ach mu 200 duine a' fuireach an Eilean Luinn, a tha mu 16 mìle deas air an Òban.

Bha còrr is 600 luchd-còmhnaidh ann aig àirde gnìomhachas an sglèata sna 1800an nuair a bha 15 cuaraidhean ann.

Thuirt Innes MacCuithein: "Gu dearbh na bailtean fhèin, Coileapoll agus Tobar Dhonnchaidh, chaidh na taighean a thogail air sgàth 's gun robh luchd-obrach ag obair ann."

Dhùin na cuaraidhean mu dheireadh sna 1960an leis gun robh e a' fàs nas daoire an sglèat fhaighinn às an eilean agus bha taidhlichean nas saoire air a' mhargaidh.

Ach tha iarrtas às ùr ann airson sglèat à Alba agus na mullaichean air seann togalaichean clàraichte feumach air ùrachadh.

Tha a' choimhearsnachd air companaidh fhastadh airson na h-obrach.

Tòisichidh an obair ullachaidh aig deireadh an fhoghair agus leanaidh sin fad a' gheamhraidh le dòchas gun gabh sglèat a dhèanamh a-rithist bhon earrach 2027.

"Tha a' mhaoin againn agus tha cothrom a-rithist airson eaconomaidh an eilein a bhrosnachadh," thuirt Mgr MacCuithein.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 5, Seann chuaraidh sglèata an Eilean Luinn, Tha dùil gun gabh sglèat a dhèanamh gu coimeirsealta às ùr bhon earrach an ath-bhliadhna

A bharrachd air a' bhuannachd eaconomach, tha dùil gun gabh an sglèat a chleachdadh mar a bha e uair airson dachaighean dhaoine a dhìon.

Tha na stoirmean mòra a tha nas bitheanta an cois atharrachadh na gnàth-shìde a' crìonadh nan cladaichean.

Tha e a' fàgail gu bheil am muir a' sìor dhol nas fhaisge air taighean agus tha droch thuiltean air a bhith ann.

"Tha cothrom a-nis," mhìnich Mgr MacCuithein, "mar a bha iad a' dèanamh nuair a bha iad ag obair sna creagan roimhe, tha iad gu bhith a' cur sgudail bhon sglèat air ais dhan chladach airson dìon a chur air na taighean sa bhaile."