Bùth choimhearsnachd a lorg taic a' phobaill is iad ann an staing

Linda Rae, Manaidsear Bùth Choimhearsnachd Chàraboist
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Linda Rae, manaidsear na bùtha, ag ràdh gu bheil "i aig cridhe na coimhearsnachd agus chan eil sinn airson a call"

LeGilleasbuig MacDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àsAn t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Tha Bùth Choimhearsnachd Chàraboist san Eilean Sgitheanach ag iarraidh air daoine an goireas a chleachdadh agus "airgead a dhìth oirnn airson cunntasan riatanach a phàigheadh".

Sgaoil iad an tagradh èiginneach air na meadhanan-sòisealta ag ràdh gu bheil "cruaidh fheum againn air barrachd a reic airson faighinn tron àm seo".

Thuirt iad: "Ma 's urrainn dhuibh idir, nach roghnaich sibh stuth a cheannach gu h-ionadail agus taic a chumail ri Bùth Choimhearsnachd Chàraboist sna beagan làithean agus seachdainean ri thighinn.

"Tha gach not a chosgar a' cuideachadh gus a' bhùth choimhearsnachd a chumail fosgailte."

Tha sia bliadhna on chaidh an aon bhùth an sgìre Mhinginis air taobh siar an eilein ann an làmhan na coimhearsnachd an deidh dhaibh taic-airgid fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Tha còignear an-diugh a' faighinn cosnaidh ann. Tha manaidsearan ag ràdh gu bheil, cleas bùidhtean beaga ionadail eile, geamhradh duilich air a bhith aca.

Thug mar a tha prìsean stuth agus connaidh air èirigh "buaidh mhòr air na cosgaisean ruithe làitheil againn", agus tha nas lugha de dhaoine a' tighinn tron doras.

Thuirt manaidsear Bùth Choimhearsnachd Chàraboist, Linda Rae: "Tha cosgaisean lìbhrigidh a' tighinn oirnn a-nis bho chompanaidhean nach b' àbhaist a bhith ag iarraidh sin.

"Tha sinn a' dèanamh nas urrainn dhuinn prìsean a chumail sìos don luchd-ceannaich - 's e tha dhìth oirnn gun tig iad!"

Bùth Choimhearsnachd Chàraboist
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn a' choimhearsnachd strì airson a' bhùth a chumail fosgailte

'S i aon a bhios a' dol innte Màiri Milne agus tha i ag ràdh gur e "call mòr a bhiodh ann mura biodh a' bhùth ann".

"Tha e mar phàirt den choimhearsnachd cuideachd," thuirt i.

"Tha e snog a bhith a' dol ann agus bidh thu a' coinneachadh ri daoine 's dòcha nach fhaca tu o chionn ùine mhòr."

Tha i an dòchas gun toir a' choimhearsnachd taic don bhùth an dèidh an tagraidh phoblaich.

Thuirt stiùirichean saor-thoileach na bùtha: "Tha sinn ag obair gu cruaidh airson fuasglaidhean fhaighinn, a' toirt sùil às ùr air solaraichean agus air mar a ghabhas barrachd teachd a-steach a bhith againn.

"Ach tha na roghainnean sin a' toirt ùine."

Tha iad ag ràdh gu bheil iad taingeil airson taic an t-sluaigh agus gun cuireadh iad fàilte airson molaidhean sam bith bhuapa airson cùisean a leasachadh.

Thuirt Linda Rae: "Tha i aig cridhe na coimhearsnachd agus chan eil sin airson a call."