Iomairt gus bùth san Eilean Sgitheanach a chumail fosgailte
- Air fhoillseachadh

Nochd mu 100 duine aig coinneimh phoblaich agus dragh orra gun caill iad goireas coimhearsnachd cho riatanach.
Dùnaidh bùth Chàrabhoist ann an ceann beagan sheachdainnean mura faighear dòigh a cumail fosgailte.
'S i an aon bhùth a tha a' frithealadh air feumalachdan mhuinntir Mhiniginis.
Tha an tè leis a bheil i air a bhith a' feuchainn ri a reic airson bliadhnaichean ach cha do nochd duine ùidh innte.
Nochd mu 100 duine aig coinneimh phoblaich agus dragh orra gun caill iad goireas coimhearsnachd cho riatanach.
Ceann-là
'S e Stop Shop ainm na bùtha ann an Càrabost.
Tha i a' reic bìdh, stuth dachaigh, phàipearan naidheachd agus connaidh.
'S ann le Sharon Thackeray a tha i agus tha i am beachd sguir a dh'obair air an 10mh den Dùbhlachd.
"'S i bùth bheag mhath a th' innte ach tha mi airson m' obair a leigeil seachad.
"Rinn mi seo airson 10 bliadhna agus tha sin fada gu leòr", mhìnich i.
Tha a' bhùth air a bhith air a' mhargaidh airson grunn bhliadhnaichean ach cha tàinig duine air adhart airson a gabhail thairis.
Iomairt
Tha an cunnart gun caill iad i air luchd-còmhnaidh a phiobrachadh iomairt a chur air dòigh airson a cumail a' dol.
Bha mu 100 duine aig coinneimh ann an talla na coimhearsnachd feuch am faigheadh iad fuasgladh, nam measg Calina Dhòmhnallach.
Thuirt ise; "Tha tòrr dhaoine an seo a' fàs sean agus chan eil na rathaidean againn math idir.
"Tha sinn 25 mìle a-mach à Port Rìgh chun na bùtha as fhaisge agus na goireasan a tha ann.
"Chan fhaigh thu fiù 's peatral gus an tig thu a Phort Rìgh neo An Ath Leathann agus tha sin còrr agus 20 mìle air falbh.
"Meadhan a' gheamhraidh nuair a tha sneachd agus reòthadh ann agus fiù's san t-samhradh nuair a tha uiread a thrafaig air an rathad tha e uabhasach doirbh.
"Tha a' bhùth againn sa bhaile seo a' cumail na coimhearsnachd còmhla agus a' toirt frithealadh do thòrr iarrtais san àite cuideachd." thuirt i.
Buidheann-stiùiridh
Chuala a' choinneamh mu choimhearsnachdan eile a bha anns an aon shuidheachadh agus a ghabh os làimh a' bhùth ionadail.
Chaidh buidheann-stiùiridh a chur air bhonn a bhios ag amas air an aon rud agus bùth Chàraboist a chumail fosgailte.
Tha Murray Caimbeul a' fuireach sa bhaile agus a' cur feum air a' bhùth a h-uile là.
"Chan fhaca mise uidhear a dhaoine a' tighinn a-mach airson coinneamh den t-seòrsa seo ann an seo a-rìamh.
"Tha sin a' sealltainn mar a tha daoine a' faireachdainn mu dhèidhinn a' bhùth a' dùnadh.
"Tha cuimhne agam gum b' àbhasit trì bùithean agus dà Oifis a' Phuist a bhith san sgìre seo.
"Chan eil againn ach aon bhùth a-nise agus tha sinn an dòchas nach caill sinn an tè sin cuideachd.
"Chan e rud furasta a th' ann a bhith a' ruith bùtha.
"Feumaidh daoine fios a bhith aca dè tha iad a' dèanamh airson a bhith ag òrdachadh stuth, gu h-àraid ann an àite mar seo cho fada air falbh bhon a h-uile càil.", thuirt e.