Teintean monaidh air Ghàidhealtachd Disathairne

Luchd-obrach oighreachd a' strì ri teine monaidh faisg air Loch Fionn ann an Cataibh.
- Air fhoillseachadh
Bha sgiobannan smàlaidh is luchd-obrach oighreachd fad uairean a thìde a' strì ri teine monaidh còig mìle de dh' fhaid ann an Asainte thairis air an deireadh-sheachdain.
Bha grunn theintean monaidh air Ghàidhealtachd - le aon anns an Eilean Sgitheanach a' milleadh 50 acaire de dh' fhearann.
Bha rabhaidhean oifigeil air tighinn aig deireadh na seachdainn-sa chaidh le cho tioram sa tha an aimsir air a bhith.
Chaidh smàladairean a ghairm gu teine air bruaichean Loch Fionn faisg air Loch an Inbhir ann an Cataibh goirid ro 2f Disathairne.
Bha trì carbadan smàlaidh an sàs anns an iomairt airson smachd fhaighinn air an teine fad còrr air 3 uairean de thìde.
Bha Bunait Asaint agus luchd-obrach bho oighreachdan eile faisg air làimh cuideachd a' cleachdadh innealan gus duilleagan a shèideadh air falbh ann an oidhirp dèiligeadh leis an teine.
Chaidh teine mòr eile a thoirt gu aire nan ùghdarrasan san t-Sruthan anns an Eilean Sgitheanach mu 2.30f.
Bha trì criuthaichean a' sabaid fad cha mhòr 3 uairean de thìde airson an teine fhaighinn fo smachd. Sgap an teine mu 2 mhìle.
Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun deach mu 50 acaire a mhilleadh ri linn.
Cha deach aithris gun deach duine sam bith a ghoirteachadh anns na teintean.