Fiosrachadh ga shireadh mu ionnsaigh air boireannach an Dòrnach

Sealladh de Thràigh Dhòrnaich Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh ionnsaigh air boireannach ann an Dòrnach air a' Ghàidhealtachd.

Aig mu 3:15f Diluain an 31mh den Lùnastal, bha boireannach a-muigh cuairt leis na coin aice ann an sgìre Rathad na Tràthad.

Bha eas-aonta eadar i agus fireannach a bha cuideachd a' coiseachd le cù.

Thug an duine dòrn dhan bhoireannach mun bhus agus an uairsin choisich e a dh'ionnsaigh làrach-campachaidh a' bhaile.

Cha robh am boireannach a' feumachdainn cùraim mheadaigich.

Bha an duine geal, sna 60an, le falt curlach liath agus feusag air.

Bha speuclairean agus seacaid dhìonach dhubh air.

'S e seòrsa de chù-chaorach a bh' anns a' chù a bha còmhla ris an duine aig an àm.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair, a dhol thuca leis.