Sgiobaidhean ball-coise WIIGA dearbhte 'son Geamannan nan Eilean 2027

- Air fhoillseachadh
Tha an dà chuid sgioba nam fear agus sgioba nam ban aig WIIGA air dearbhadh fhaighinn gum bi àite ann dhaibh aig Geamannan nan Eilean 2027 anns na h-Eileanan Fàrach.
Bha ceist air a bhith ann mu àite do na fir is dùil ri barrachd sgiobaidhean aig an fharpais.
Ann am bliadhnaichean eile bha feum air taghadh a dhèanamh 'son co-dhùnadh cò gheibheadh àite.
Cha bhi feum air sin 'son Geamannan 2027 is cuid - leithid Arcaibh - air innse do bhuidheann riaghlaidh nan geamannan nach bi iad a' cur sgioba dhan fharpais.
Gheibh sgiobaidhean WIIGA a-mach Diardaoin an ath-sheachdain (19mh) cò a bhios iad a' cluich aig ìre nam buidhnean anns na h-Eileanan Fàrach.
Bidh na geamannan ann eadar an 3mh is an 9mh den Iuchar.