Cead don duine as beartaiche an Alba Òsta Durais a leasachadh

Dealbh de leasachadh Dores InnTùs an deilbh, WILDLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na planaichean airson Dores Inn air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas Diardaoin

  • Air fhoillseachadh

Tha oifigich planaidh Chomhairle na Gàidhealtachd air cead a thoirt seachad airson taigh-seinnse leis an duine as beartaiche an Alba ùrachadh agus a leudachadh.

'S ann le Anders Holch Povlsen, billeanair às an Danmhairg, agus a bhean Anna a tha Dores Inn - a thuilleadh air Caisteal Allt Dobhraig faisg air làimh agus grunn oighreachdan Gàidhealach.

Tha iad a' leasachadh an òsta am baile Dhurais air bruaichean Loch Nis tron phròiseact Wildland aca airson cruth na tìre a ghlèidheadh.

Chaidh na planaichean, taobh a-muigh aca airson taigh-bìdh, taigh-fuine, bùth agus pàirc-chàraichean air an làraich air beulaibh comataidh dealbhachaidh a' chinn a deas aig a' chomhairle an-diugh.

Thathas cuideachd an dùil na taighean-beaga a leasachadh.

Fireannach maol le deise air na sheasamh air beulaibh micTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann le Anders Povlsen agus a bhean a tha Dores Inn

Thuirt comhairlichean gun do làimhsich WildLand co-chomhairleachadh poblach air na planaichean san dòigh cheart.

Chuir iad cuideachd fàilte air dearbhadh nach tèid an t-slighe-choiseachd chun na tràthad agus dhan choille faisg air làimh a dhùnadh, fhad 's a tha obair-togail a' leantainn thairis air dà bhliadhna.

Chaidh cuideachd innse dhan chomataidh nach tèid togalach Steve Feltham, a tha ainichte airson a bhith a' sireadh uilebheist Loch Nis, a ghluasad.

Togalach fiodha le 'Nessie Hunter' sgrìobhte airTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cha tèid làrach togalaich Steve Feltham, a bhios a' sireadh uilebheist Loch Nis, a ghluasad

A dh'aindeoin taic airson nam planaichean, tha cuid de mhuinntir an àite air draghan a-nochdadh.

Tha Norma Mhoireasdan a' ruith Leabaidh is Bracaist ann an Duras agus tha i rudeigin amharasach mu bhuaidh na h-obrach-leasachaidh.

Bha i gu mòr airson nam planaichean an toiseach ach chan eil i cho cinnteach a-nis.

Ged a tha i den bheachd gu bheil Dores Inn feumach air obair-leasachaidh, tha dragh orra gun èirich na prìsean ri linn seo.

Thuirt i: "Tha e a' feumachdainn àite-bìdh agus àite-òil. Ach an urrainn dhuinne a dhol ga cheannach?

"Chan eil fhios agam an urrainn dhuinne a bhith a' dol ann. Cha chreid mi nach bi a h-uile càil cho daor."

Tha eagal oirre cuideachd mun t-slighe chun na tràthad.

Dealbh de phlanaichean leasachaidh Dores InnTùs an deilbh, WILDLAND
Fo-thiotal an deilbh,

Tha taigh-bìdh, taigh-fuine agus bùth an lùib nam planaichean

Thuirt WildLand roimhe gun dèidheadh an obair-togail a dhèanamh mean air mhean gus nach toireadh e buaidh air an t-slighe-choiseachd.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air a bhith a' feuchainn ris an làrach a thuigsinn, ag èisteachd ri beachdan bhon choimhearsnachd agus a' cleachdadh cruth na tìre 's cleachdaidhean làitheil gus an cuid phlanaichean a stiùireadh.

Chaidh an togalach anns a bheil Dores Inn a thogail sna1820an.

Tha an taigh-seinnse 's an taigh-bìdh air taobh a deas Loch Nis ainmeil.

Thadhail a' Bhanrìgh Ealasaid agus am Prionnsa Phillip air ann an 1967.